Seannduaig
Seannduaig | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Comhairle na Gàidhealtachd |
Siorrachd | Ros an Ear |
Co-chomharran | 57° 45′ 1.08″ Tuath 3° 55′ 14.38″ Iar |
Comharradh-clèithe | NH857750 |
Feartan fiosaigeach | |
Còd-puist | IV20 1 |
Duilleag oifigeil | seaboardvillages.com |
'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha ann an Seannduaig (Beurla: Shandwick).[1] Tha am baile suidhichte faisg air Baile Dhubhthaich ann an Ros an Ear. 'S e sin aon de na trì bailtean air oirthir a tuath air Linne Mhoireibh ris an canar Bailtean na Mara, ' s e Baile a' Chnuic agus Baile an Todhair an dà bhaile eile.
Thàinig an t-ainm Seannduaig bhon fhacail Seann-Lochlannais "sand-vík",[2] Tha iad a' ciallachadh: sand: gainmheach agus vík: bàgh. Nochd ainm a' bhaile aig Dwelly 1912 mar Seanndabhaig . [3]
Tha Clach a' Charraidh, clach Chruithneach Clas II, na seasamh air cnoc os cionn a' bhaile. Chaidh a togail timcheall air 780 AD agus fad linntean bha na iasgairean a cleachdadh mar thùr-rabhaidh gus an deach a leagail le gèile ann an 1846, bhris e ann an dà phìos. Chaidh an clach ath-thogail a-rithist anns an dearbh àite, ach tha i dìonta le bocsa glainne a-nis.
Tha e gu bhith 10 troighean (3 meatairean) a dh'àirde. Air aon taobh tha snaidheadh de chrois Chrìosdail ann, air an taobh eile chithear samhlaidhean is seallaidhean Cruithneach.
Dealbhan
deasaich-
Cùl Clach a' Charraidh, dealbh le Charles Carter Petley, dh'fhoillsichte ann an Archaeologia Scotica, 1857
-
Clach a' Charraidh ann am bocsa glainne
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Seannduaig/ Shandwick”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 25mh dhen Chèitean 2017.
- ↑ Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-àite", Pàrlamaid na h-Alba, duilleag 104
- ↑ Faclair Dwellys
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Down to the Sea – leabhar air loidhne mu eachdraidh Seannduaig, Baile a' Chnuic agus Baile an Todhair
- Cùl Chlach Sheannduaig Am baile (Gàidhlig)
- The Shandwick Stone Clàr den Àrainneachd eachdraidheil (Beurla)