Baile a' Chnuic
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Ros an Ear
Sgìre Comhairle na Gàidhealtachd
Co-chomharran 57° 45′ 54″ Tuath
3° 53′ 46″ Iar
Comharradh-clèithe NH872765
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 215 (1971[1])
Duilleag oifigeil seaboardvillages.com

'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha ann am Baile a' Chnuic (Beurla: Hilton of Cadboll, uaireannan dìreach Hilton). Tha am baile suidhichte mu 15 km san àird an ear-dheas air Baile Dhubhthaich ann an Ros an Ear. 'S e sin aon de na trì bailtean air oirthir a tuath air Linne Mhoireibh ris an canar Bailtean na Mara, 's e Seannduaig agus Baile an Todhair an dà bhaile eile.

Leac shnaidhte

deasaich
 
Leth-breac den Chloich Chruithneach ann am Baile a' Chnuic

San àird a tuath tha tobhtaichean seann chille ann far an do lorgadh clach Chruithneach ris an canar Hilton of Cadboll Stone. Chaidh a' chlach a chruthachadh eadar an 6mh is an 9mh linn. Anns an 19mh chaidh a toirt do thaigh-tasgaidh Breatannach, ach cha do chòrd sin ri muinntir na h-Alba. Mar sin tha i ri faicinn ann an Taigh-tasgaidh na h-Alba a-nis. Rinn Barry Grove leth-bhreac den chloich a chaidh a thogail ann am Baile a' Chnuic ann an 2000.

Clachan

deasaich

Ri taobh Baile a' Chnuic, tha clachan leis an ainm Cathabol (Beurla: Cadboll).[2] Tha ainm a' chlachain a' ciallachadh 'tuathanas cait' ann an Lochlannais; kattar-ból: bho kattr, ‘cat’ agus ból, tuathanas.

Iomraidhean

deasaich
  1. Gazetteer for Scotland - Statistics
  2. Ainmean-Àite na h-Alba: Clàr-àite:C (duilleag sàbhailte aig Archive.org 26 Ògmhios 2015)

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: