'S e provincia na Spàinne a tha ann an Santa Cruz de Tenerife (IPA: santaˈkɾuθ, santaˈkɾus no sãtaˈkɾuʰ sa sgìre fhèin). Tha e na laighe anns Na h-Eileanan Canàrach, air an àirde an iar-dheas na dùthcha thall sa Chuan Shiar. 'S e Santa Cruz de Tenerife a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghlaidh ionadail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh nan Eilean Canàrach i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Santa Cruz de Tenerife fad 4 eilean no 3,381km²[3] agus tha 1,029,789 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 47mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 14mh a thaobh àireimh-sluaigh. 'S e Las Palmas an aon roinn a tha faisg oirre o chionn' s gur e eileanan a th' ann.[5] 'S e Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.