Las Palmas (provincia)
Las Palmas
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Prìomh-bhaile | Las Palmas de Gran Canaria | ||||
Stèidhichte | 1833 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 4,066 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 1,096,980 (2014) | ||||
Dlùths | 269.79/km² | ||||
Àireamh fòn | + (928) |
'S e provincia na Spàinne a tha ann an Las Palmas. Tha e na laighe anns Na h-Eileanan Canàrach, air an àirde an iar-dheas na dùthcha thall sa Chuan Shiar. 'S e Las Palmas de Gran Canaria a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh nan Eilean Canàrach i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Las Palmas fad 9 eilean no 4,066km²[3] agus tha 1,096,980 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 46mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 12mh a thaobh àireimh-sluaigh. 'S e Santa Cruz de Tenerife an aon roinn a tha faisg oirre o chionn' s gur e eileanan a th' ann.[5] 'S e Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.