An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Charles de Gaulle"

Content deleted Content added
iomraidhean a chàradh
Loidhne 9:
Bha e an sàs fad na [[20an]] is na [[30an]] anns an iomairt airson tancaichean is plèanaichean cogaidh a bhrosnachadh, is e dhen bheachd gum biodh an stuth seo an dòigh na b’ fheàrr airson staing cogadh na trainnsichean a sheachnadh anns na làithean ri teachd. Fiù ’s sgrìobh e leabhraichean mun chuspair. Gu mì-fhortanach, cha robh seanailearan na Frainge air an aon ràmh is thog iad mur dìon, La Ligne Maginot, an aghaidh tancaichean is plèanaichean fhaighinn. Bha na smuaintean aige glè chudromach dha na Gearmailtich agus chleachd iad na sgrìobh de Gaulle an aghaidh na Frainge anns a’ Chogadh Thàirneanaich ([[Gearmailtis]]: Blitzkreig). Sgrìobh e leabhar mu dheidhinn a’ chogaidh ùire, ''Vers l’Armée de Métier'' ('Gu ruige Arm proifeiseanta') ([[1934]]).<ref name="bradforddelong">{{iomradh lìon | tiotal = Charles de Gaulle | url = http://www.j-bradford-delong.net/tceh/charlesdegaulle.html | url_tasgaidh = https://web.archive.org/web/20160305081955/http://www.j-bradford-delong.net/tceh/charlesdegaulle.html | ceann-là_tasgaidh = 2016-03-05 | ceann-là_inntrigidh = 2020-07-17 | ainm = J. Bradford | sloinneadh = DeLong }}</ref>
== An Dàrna Cogaidh ==
Ri linn an Dàrna Cogaidh, chaidh e ainmeachadh na cheann-fheadhna eadar-amail,<ref name="bradforddelong"/> is e os cionn ionnsaighean soirbheachail le tancaichean an aghaidh na Gearmailtich ann an [[1940]].<ref>{{ iomradh lìon | url_tasgaidh = https://web.archive.org/web/20170614122514/http://www.charles-de-gaulle.org/pages/l-homme/dossiers-thematiques/1940-1944-la-seconde-guerre-mondiale/l-appel-du-18-juin/analyses/les-10-jours-qui-ebranlerent-la-france.php | url = http://www.charles-de-gaulle.org/pages/l-homme/dossiers-thematiques/1940-1944-la-seconde-guerre-mondiale/l-appel-du-18-juin/analyses/les-10-jours-qui-ebranlerent-la-france.php | ceann-là_tasgaidh = 2017-06-14 | ceann-là_inntrigidh = 2020-07-22 | ainm =François | sloinneadh = Delpla | tiotal = Les 10 jours qui ébranlèrent la France | foillsichear = Fondation Charles de Gaulle</ref> An dèidh Tuiteam na Frainge, theich e na fhògarrach gu [[Sasainn]] is chuir e air dòigh Feachdan Saora na Frainge (Fraingis: ''Forces Française Libres'') còmhla ri feadhainn bhon riaghaltas a bha nam fògarraich thall ann an [[Lunnainn]] cuideachd. Bha na mìltean dhe Fraingich nam fògarraich thall thairis aig an àm an dèidh Dunkirk. Thall ann an Sasainn, rinn e òraid ainmeil, ris an canar A’ Ghairm ([[Fraingis]]: ''L’Appel'') air an rèidio air an 18mh latha dhen [[An t-Ògmhios|Ògmhios]] 1940,<ref>{{iomradh lìon | url = http://www.france-libre.net/appel-18-juin-1940/ | tiotal = L’appel du 18 juin 1940 | foillsichear = Fondation de la France Libre | ceann-là_inntrigidh = 2020-07-22 }}</ref> is e ag iarraidh air an nàisean a chur an aghaidh na Gearmailtich [[Nàsachd|Nàsach]]. Thuirt e: “Tha an Fhraing air batail a chall, ach chan eil An Fhraing air an cogadh a chall fhathast”.<ref>{{ iomradh lìon | url = https://digitalcollections.hoover.org/objects/36727 | tiotal = La France a perdu une bataille! Mais la France n'a pas perdu la guerre! General de Gaulle. Aux armes Citoyens! Formez vos bataillons ... Pour tous renseignements S'addresser a France Forever. | foillsichear = Cruinneachadh Hoover, Oilthigh Stanford | ceann-là_inntrigidh = 2020-07-22 }}</ref> Ghabh e pàirt mar cheannard nam Frangach anns na h-iomairtean an aghaidh nan Nàsach air feadh na [[Roinn Eòrpa|Roinne Eòrpa]] agus chaidh e a-steach gu Paris air 25mh latha dhen [[An Lùnastal|Lùnastal]] [[1944]].<ref>{{ iomradh lìon | url = http://www.charles-de-gaulle.org/pages/l-homme/dossiers-thematiques/1940-1944-la-seconde-guerre-mondiale/l-appel-du-18-juin/temoignages/charles-de-gaulle.php | tiotal = Charles de Gaulle | url_tasgaidh = https://web.archive.org/web/20170614124954/http://www.charles-de-gaulle.org/pages/l-homme/dossiers-thematiques/1940-1944-la-seconde-guerre-mondiale/l-appel-du-18-juin/temoignages/charles-de-gaulle.php | ceann-là_tasgaidh = 2017-06-14 | ceann-là_inntrigidh = 2020-07-22 | foillsichear = Fondation Charles de Gaulle }}</ref>
Bha e na phrìomhaire ann an riaghaltas eadar-amail na Frainge an dèidh an t-Saoraidh ann an [[1944]] is chuir e na feachdan aige air ais do [[Vietnam]], [[Cambodia]] agus [[Laos]], a bha airson a bhith an cuid neo-eisimeileachd a ghairm bhon an Fhraing.<ref>{{ iomradh naidheachd | url = https://www.herodote.net/19_decembre_1946-evenement-19461219.php | tiotal = 19 décembre 1946 - Première guerre d'Indochine | ainm = Alban | sloinneadh = Dignat | foillsichear = Herodote | ceann-là = 2019-08-29 | ceann-là_inntrigidh = 2020-07-22 }}</ref> Leig e dheth am poileataigs ann an [[1944]], air sàilleabh sabaidean poileataigeach is chuir e seachad dà bhliadhna deug far a’ bheatha phoblach.
 
== Poileataigs ==