An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Rob Alasdair MacFhraing"

Content deleted Content added
Tòiseachadh: Rob Alasdair MacFhraing
(Gun diofar eatarra)

Mùthadh on 03:18, 17 dhen t-Sultain 2020

B' e Rob Alasdair MacFhraing FRSE FRSAMD (Beurla: Robert Alexander Rankin) matamataigear Albannach, ceòladair, agus fear-labhairt na Gàidhlig.

Rugadh e ann an Siorrachd Baile na h-Uige ann an 1915, agus chaidh e don sgoil ann am Fettes, ann an Dùn Èideann. Chnuasaich e matamataig aig Oilthigh Chambridge.

B' e prìomh cheann-adhbhair rannsaichaidh aige teoric nan àireamh[1].

Àm An Dàrna Cogadh, bha e ag obair air teoric gluasad rocaidean anns A' Chuimrigh. Ann an 1954 fhuair e dreuchd mar ollamh matamataig aig Oilthigh Ghlaschu. Bha e na cheannard na roinn matamataig fad cha mhòr trichead bliadhna. Leig e dheth a dhreuchd ann an 1982 agus às dhèidh sin bha dreuchd emeritus aige gus na 90an. Shiubhal e ann an 2001.

Bha ùidh mhòr aige ann an cuspairean Gàidhlig. Sgrìobh e paipear matamataig anns a' Ghàidhlig[2] Àireamh Muinntir Fhinn is Dhubhain, agus Sgeul Iosephuis is an Dà Fhichead Iudhaich

(Beurla: The numbering of Fionn's and Dubhan's men and the story of Josephus and the 40 Jews) a chaidh a' chlo-bhualadh ann am Proceedings of the Royal Irish Academy, agus bha e na cheann-suidh onorach Comman Gàidhlig Ghlaschu, agus iar-ceann-suidhe Comann Litreachas Gàidhlig na h-Alba[3].
  1. http://www-history.mcs.st-andrews.ac.uk/Biographies/Rankin.html
  2. Proceedings of the Royal Irish Academy. Section A: Mathematical and Physical Sciences, Vol. 52 (1948 - 1950), pp. 87-93, https://www.jstor.org/stable/20488493
  3. https://www.heraldscotland.com/news/12147596.robert-rankin/