An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Volapük"

Content deleted Content added
Created by translating the page "Volapük"
(Gun diofar eatarra)

Mùthadh on 11:31, 15 dhen Mhàrt 2017

'S e cànan cruthaichte a th' ann am Volapük a chaidh a chruthachadh ann an 1880 le Johann Martin Schleyer. Bha Schleyer na shagart Chaitligeach às a' Ghearmailt. Bha e den bheachd gun robh Dia air innse dha gum bu chòir dha cànan eadar-nàiseanta a chruthachadh. Chaidh còmhdhailean Volapük a chumail ann an 1884, 1887, agus 1889. B' e amas a' chànain gum biodh comas aig daoine ann an diofar dhùthannan a bhith a' bruidhinn ri chèile.

{{{Ainm}}}

Ged a bha Volapük gu math mòr-chòrdte an tòiseach, chaill i tòrr den luchd-leantainn aice às dèidh 1887 nuair a chaidh Esperanto a chruthachadh. Tha Esperanto nas fhasa ionnsachadh na Volapük le gràmair a tha tòrr nas sìmplidhe agus bha sin am measg nan adbharan airson crìonadh na Volapük. Tha glè bheag de luchd-labhairt na Volapük a-nis. 

Tha a' mhòr-chuid de briathrachas na Volapük às a' Bheurla, le beagan fhaclan às a' Ghearmailtis agus as [ an Fhràingis]. 

Tha "Vol" agus "pük" a' tighinn bho na faclan Beurla "world" agus speech". Tha an gràmar stèidhichte air cànanan Innd-Eòrpach

Seo eisimpleir de Volapük: Urnaigh an Tighearna:

    O Fat obas, kel binol in süls, paisaludomöz nem ola!
    Kömomöd monargän ola!
    Jenomöz vil olik, äs in sül, i su tal!
    Bodi obsik vädeliki govolös obes adelo!
    E pardolös obes debis obsik,
    äs id obs aipardobs debeles obas.
    E no obis nindukolös in tendadi;
    sod aidalivolös obis de bas.
    Jenosöd!

References

Làraich-lìn eile