An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Dùn Phris"

Chaidh 1,265 baidht a chur ris ,  4 bhliadhnaichean air ais
gun ghearr-chunntas deasachaidh
 
‘S e [[baile]] meadhanach agus faisg air [[Cille Chuithbeirt]], air an àirde an iar-dheas [[Alba|na h-Alba]] a th' ann an '''Dùn Phrìs'''. Tha e suidhichte aig 17m os cionn ìre na [[Muir|mara]],<ref>[http://www.fallingrain.com/world/UK/U2/Dumfries.html Falling Rain]</ref> ann an cridhe [[Comhairle Dhùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh|Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh]] ([[Siorrachd Dhùn Phrìs]] ro [[1975]]), eadar [[Dail Bheithe]] agus [[Inbhir Anainn]], ri taobh [[Abhainn Nid|na h-aibhne Nid]].<ref>[http://www.rivernithfishings.co.uk/ River Nith Fishings]</ref> Tha e 250km air falbh bho [[Obar Dheathain]], 97km bho [[Glaschu|Ghlaschu]], 15km bho [[Ruadhail]] agus 102km bho [[Dùn Èideann|Dhùn Èideann]], prìomh-bhaile na [[Dùthaich|dùthcha]].<ref>[http://www.distancefromto.net/ Distance from - to]</ref> 'S e [[Beurla]] a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Dùn Phrìs, ach tha [[Pòlais]] làidir cuideachd. Tha [[Eaconomaidh]] a' bhaile gu math crochte air [[àiteachas]], coilltearachd agus gnìomhachas. A bharrachd air sin, tha an t-àite làn seirbheisean dhen a h-uile sheòrsa. Taobh fhoghlaim, tha deich bun sgoil agus ceithir àrd sgoil ann an Dùn Phrìs.<ref>[http://www.dumgal.gov.uk/index.aspx?articleid=1438 A' Chomhairle]</ref> A thuilleadh air sin, 's e a' phrìomh-bhaile dhen [[Comhairle Dhùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh]] a th' ann. Ann an 2001 bha 31,146 duine a' fuireach an seo.<ref>[http://www.scrol.gov.uk/scrol/browser/profile.jsp?profile=Population&mainLevel=Locality&mainText=Dumfries&mainTextExplicitMatch=null&compLevel=CountryProfile&compText=&compTextExplicitMatch=null Scotland's Census Result OnLine]</ref>
 
 
==Freumhan an Ainm==
A rèir eòlaichean [[freumh-fhaclachd|fhreumh-fhaclachd]], tha e coltach gur ann à ''Caer/Dùn'' agus ainm na treubh Frisianach neo ''Preas'' ann an seann [[cuimris|chuimris]] neo [[Gàidhlig]] a th'ann an t-ainm.<ref>The New Statistical Account of Scotland, Volume 2, William Blackwood, [[Dùn Èideann]] [[1834]]</ref> 'S ann gu math pailt a tha ainmean-àite ann an Cuimris ann an ceann a deas na h-Alba. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an [[7mh Linn]] agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Dhùn Phrìs fhèin anns an [[14mh Linn]].<ref>[http://web.archive.org/web/20140831051704/http://www.dgnhas.org.uk/transonline/SerIII-Vol11.pdf Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147]</ref> A dh'aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à Gàidhlig ''Druim'' neo ''Dronn'' a th'ann ainm an àite seo.<ref>[http://www.archive.org/stream/placenamesofscot00johnuoft/placenamesofscot00johnuoft_djvu.txt The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892]</ref>A bharrachd air sin, tha cruth na tìre a' toirt cuideam dhan dà theòiridh seo, o chionn 's gu bheil dùn agus druim ann.
 
==Eachdraidh==
35,754

deasachadh