An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Saalfeld/Saale"

Content deleted Content added
Loidhne 20:
 
==Eachdraidh==
Chaidh Saalfeld/Saale a chlàradh airson a’ chiad turais ann an [[899]].<ref>[http://www.tlug-jena.de/uw_raum/umweltregional/slf/slf01.html TLUG Jena]</ref> Bha am baile fo smachd Ezzo von Lotheringen bho [[1012]] gus a leig a nighean e dhan [[eaglais]] ann an [[1056]], fo chùram Easbaigeachd Köln.<ref>[http://www.rheinische-geschichte.lvr.de/persoenlichkeiten/E/Seiten/Ezzo.aspx Rheinische Geschichte]</ref> Thogadh [[Abaid]] ann an [[1071]] a chaidh a mhilleadh ri linn [[An t-Ath-Leasachadh|an Ath-leasachaidh]] ann an [[1526]].<ref>[http://www.museumimkloster.de/www/kloster/kloster/kgeschichte/ Museum Kloster]</ref> Thug an [[teaghlach]] [[uasal]] Schwarzburg seilbh air Saalfeld ann an [[1208]], ga chumail gu ruige [[1359]], nuair a thug an teaghlach Wettin thairis air, ga chumail gu ruige [[Ar-a-mach na Gearmailt]] ann an [[1918]].<ref>[http://www.urmel-dl.de/Projekte/Themis/OnlineAngebot/Sachsen_Coburg_Saalfeld.html Urmel]</ref> Fhuair Saalfeld còirichean a thaobh chìsean, mhalairt agus mhargaidhean ann an [[1208]], chaidh Talla a' Bhaile a thogail ann an [[1359]], ballachan-dìona ann an [[1363]], [[drochaid]] tarsainn na Saale ann an [[1373]] agus [[Taigh-cùirte]] ann an [[1452]].<ref>[http://www.karin-vogler.de/slf/slffd.htm Karin Volger]</ref> Thogadh Abaid eile ann an [[1250]], a mhair gu ruige [[1534]]. An dèidh an Ath-Leasachaidh bha suidheachadh a' bhaile gu math cugallach agus dhèidheadh e bho theaghlach uasal gu teaghlach uasal fad còrr is ceud [[bliadhna]]: bha e fo smachd Sagsainn-Weimar bho [[1572]] gu ruige [[1603]], [[Diùcachd Sagsainn-Altenburg|Sagsainn-Altenburg]] gu ruige [[1673]] agus, mu dheireadh thall, [[Diùcachd Sagsainn-Coburg-Saalfeld]] ann an [[1673]]. B' e [[prìomh-bhaile]] na Diùcachd sin a bh' ann bho [[1699]] gu ruige [[1735]].<ref>[http://www.almanachdegotha.org/id55.html Almanach de Gotha]</ref> Rinn [[teine]] droch mhilleadh air Saalfeld ann an [[1517]]. Thug cath mòr àite an seo ann an [[1806]], nuair a chuir 14,000 [[saighdear]] às [[An Fhraing]] ruaig air 9,000 às [[A' Phruis]].<ref>[http://www.histoireeurope.fr/RechercheLocution.php?Locutions=Bataille+de+Saalfeld Histoire de l'Europe]</ref> An dèidh [[Cogadh|cogaidhean]] [[Ar-a-mach na Frainge]], thoisich malairt a' fàs na bu treasa agus na bu treasa ri linn [[Tionndadh Gnìomhachais]] fad an [[19mh Linn]]. B' e gearrastan [[Arm]] na Gearmailt a bh' ann Saalfeld bho [[1936]] gu ruige [[1945]]. Chaidh [[Iùdhachd|Iùdhaich]] a' bhaile a mharbhadh uile gu lèir ri linn an [[Darna Cogadh|darna Cogaidh]], a bharrachd air 571 duine a chaidh a sheasgachadh an aghaidh an toil cuideachd. Air [[9 an Giblean]] 1945, chaidh 208 duine a mharbhadh ann am bombaireachd.<ref>[http://www.fn-saalfeld.info/wp-content/uploads/2014/01/9.April-1945-Bombardierung-Saalfeld.pdf Bombardierung Saalfeld]</ref>
 
==Bailtean Co-cheangailte==