An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Torthorwald"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 21:
Tha a h-uile coltas ann gu bheil an t-ainm a' ciallachadh ''Tùr Thor sa Choille'', bhon sheann Bheurla ''Torr'' (Tùr) agus ''Weald'' (Coille),<ref>[http://www.oldenglishtranslator.co.uk/ Old English Translator]</ref> ged a tha seann dòigh sgrìobhaidh an ainm a' cur freumhan [[Gàidhlig]] nar cinn, is le sin 's dòcha gur e Tìr agus ainm pearsanta a th'ann. Tha an eileamaid ''weald'' gu math cumanta san sgìre: Tinwald, Mousewald, Torthorwald.
 
Thogadh daingneach an seo san [[12mh Linn]]<ref>[http://canmore.rcahms.gov.uk/en/site/66153/details/torthorwald+parish+church+churchyard+and+gatepiers/ Canmore]</ref> ann an stoidhle ''motte'' nuair a bha làmh an uachdair aig an [[teaghlach]] de Torthorwald. Dh'ath-leasachadh sin gu Caisteal aig deireadh an [[14mh Linn|14mh Linne]] ri linn na Chille Phàdraig. Leasaich William de Carleil e san [[15mh Linn]], leis gun d'fhuair e seilbh air a' bhaile nuair a phòs e tè dhe na Cille Phàdraig, ann an [[1418]]. Bha duine a' fuireach ann gu ruige [[1715]] ach tha e hana thobhta a-nis.
 
Tha [[eaglais]] air a bhith ann fad na linntean, ged an do deach an eaglais a chithear nar [[Latha|làithean]] a thogail ann an [[1782]].<ref>[http://canmore.rcahms.gov.uk/en/site/66153/details/torthorwald+parish+church+churchyard+and+gatepiers/ Canmore]</ref> 'S ann le Òrdugh na Trianaid ([[Laideann]]: ''Ordo Sanctissimae Trinitatis Redemptionis Captivorum)'' a bha an eaglais o shean.<ref>[http://www.kttchurch.org.uk/?page_id=19 Kirkmichael, Tinwald and Torthorwald church]</ref> B' e David Wallace Reader a' chiad mhinistear an dèidh [[An t-Ath-Leasachadh|An Ath-Leasachaidh]] ann an [[1567]]. S'ann a [[Afraga a Deas]] a tha am ministear an latha an diugh, air a bheil Louis Christiaan Bezuidenhout ([[Johannesburg]], [[1954]]).<ref>[http://reference.sabinet.co.za/document/EJC35672 Sabinet]</ref> Dh'aontadh Torthorwald, [[Cille Mhìcheil]] agus [[Tinwald]] ann ann aon parraist ann ann [[1981]].