An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Co-chaidreachas Ghranada"

Content deleted Content added
Loidhne 20:
Thug gluasadan an neo-eisimeileachd air feadh na dùthcha, gu seachd àraidh fad às bho Bhogotá, buaidh làidir air an structar meadhanach a chuireadh air dòigh beag air bheag bho àm [[Poblachd Ghranada Ùire]], an dèidh sgaoileadh [[Coloimbia Mhòr|Choloimbia Mòire]]. Ghabh am [[Bun-Reachd]] dhe [[1843]] ri sin. Bha an suidheachadh anns a’ Chaolas [[Panama]] uabhasach doirbh, is na daoine an siud ag iarraidh fèin-riaghladh.<ref>[http://www.saber.ula.ve/db/ssaber/Edocs/pubelectronicas/procesoshistoricos/vol1num2/articulo2-2.pdf La acción de los liberales panameños en la determinación de las políticas del Estado de la Nueva Granada, (1848-1855)]</ref>
 
‘S e na atharrachaidhean dhe [[1853]] a thòisich pròiseas na feadaraileachd anns an dùthaich. Chaidh a’ chiad stàit fheadarail a chur air dòigh air an 27mh latha dhen [[An Gearran|Ghearran]] [[1855]]: Panama. Cha b’ fhada gun do lean [[Antioquia (Roinn)|Antioquia]] (11mh [[An t-Ògmhios]] [[1856]]) agus [[Santander (Roinn)|Santander]] (13mh [[An Cèitean]] [[1857]]). Sgrìobh còmhdhail na Poblachd lagh ùr ann an reachdas gus sgaoileadh na dùthcha a sheachnadh, air 15mh latha dhen [[An t-Ògmhios|Ògmhios]] [[1857]]. Chruthaich an lagh sin sreath dhe stàitean le fèin-ùghdarras, mar a leanas: Bolívar, Boyacá, Cauca, Cundinamarca agus Magdalena. Chaidh an Stàit Tolima a stèidheachadh air an 12mh latha dhen [[An t-Iuchar|Iuchar]] [[1861]] air na sgìrean air an àirde an iar [[Cundinamarca (Roinn)|Chundinamarca]].
 
== Iomraidhean ==