An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Port Bhruachaidh"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 1:
B' e baile iasgaich leis fhèin a bh' ann am '''Bruach Tatha''' ('''Brochtie''' sa [[a' Bheurla Ghallda|Bheurla Ghallta]]), a tha a-nis na phàirt de [[Dùn Dèagh|Chathair Dhùn Dèagh]], suidhichte air oir an ear na cathrach sin, air cladach [[Linne Tatha]], air taobh ear na h-[[Alba]]. Canaidh muinntir a' bhaile ''The Ferry'' ris, agus 's e '''Broughty Ferry''' an t-ainm a th' air sa Bheurla. Tha pàirtean dhen bhaile seo mar [[iomall-bhaile]] Dhùn Dèagh, ach tha meadhan a' bhaile fhathast a' glèidheadh an dualchas aige fhèin, a thaobh coltas agus faireachdainn. Tha a h-uile coltas ann gur e '''Bruach Tatha''' an t-ainm a bh' air an àite seo bho thùs, agus gur ann à sin a thàinig '''Brocht-Brochtie''' is an uairsin '''Broughty''' sa [[Beurla|Bheurla]]. Bhathas a' cuideachd a' toirt "Brothaig" air ann an Gàidhlig, agus 's e ainm Gàidhlig eile a th' air a' bhaile '''Aiseag Bhrothaig'''. B'e [[borgh]] neo-eisimileach a bh' ann am Bruach Tatha bho 1864 gus an deach a thoirt a-steach ann am [[Borgh Rìoghail]] Dhùn Dèagh ann an 1913.
 
[[Image:BroughtyWaterFront.jpg|thumb|left|280px|An t-seann bhaile-iasgaich]]
 
[[Image:BroughtyCastleEvening.jpg|thumb|right|280px|Caisteal Bhruaich TathaBhrothaig]]
 
== Eachdraidh ==
Loidhne 9:
Tha fianais ann air tuineachadh daonna bho chionn an linn ro-eachdraidheil agus dh'fhàs e gu bhith na bhaile iasgaich 's muc. B' e dachaigh Barain Gnìomhachas mòr an [[Diut]] san 19mh linn, agus dh'èigheadh air "am mìle ceàrnagach as beartaiche s[[an Roinn-Eòrpa]]" aig an àm sin.
 
Chaidh Caisteal Bhruach TathaBhrothaig a thogail ann an 1492, 's e a' dìon beul na h-aibhne gu 1932. Bha an Caisteal seo an sàs gu mòr ann an Cogaidhean ris na Sasannaich agus cuideachd ann an [[Cogadh Sìobhalta Shasainn.]] Tha toll ri fhaicinn ann am balla a' chaisteil far an do bhuail ball chanan e. Tha an caisteal an-diugh na thaigh-tasgaidh a tha saor-an-asgaidh. Tha an taisbeanadh a' foillseachadh diofar àm ann an eachdraidh an àite, mar eisimpleir: [[gnìomhachas nam mucan-mara]], [[gnìomhachas an diut]], cogaidhean agus mar sin air adhart. Gheibh luchd-tadhail sealladh air [[dualchas nàdair]] an àite cuideachd.
 
Mus deach a' chiad Drochaid-rèile an Tatha a thogail ann an 1878, b'e bat'-aiseig a bha a' ceangladh an loighne-rèile bho Obar Dheidhinn gu Dùn Èideann eadar [[Port na Creige]] agus Bruach Tatha.