Port Bhruachaidh
Port Bhruachaidh | |
An t-seann bhaile-iasgaich | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Comhairle Baile Dhùn Dè |
Siorrachd | Aonghas |
Co-chomharran | 56° 28′ 3.49″ T 2° 52′ 8.78″ I |
Comharradh-clèithe | NO465309 |
Feartan fiosaigeach |
B' e baile iasgaich leis fhèin a bh' ann am Port Bhruachaidh[1] (Beurla Ghallda: Brochtie), a tha a-nis na phàirt de Chathair Dhùn Dèagh, suidhichte air oir an ear na cathrach sin, air cladach Linne Tatha, air taobh ear na h-Alba. Canaidh muinntir a' bhaile The Ferry ris, agus 's e Broughty Ferry an t-ainm a th' air sa Bheurla. Tha pàirtean dhen bhaile seo mar iomall-bhaile Dhùn Dèagh, ach tha meadhan a' bhaile fhathast a' glèidheadh an dualchas aige fhèin, a thaobh coltas agus faireachdainn. Tha a h-uile coltas ann gur e Port Bhruachaidh an t-ainm a bh' air an àite seo bho thùs, agus gur ann à sin a thàinig Brocht-Brochtie is an uairsin Broughty sa Bheurla. Bhathas a' cuideachd a' toirt "Brothaig" air ann an Gàidhlig, agus 's e ainm Gàidhlig eile a th' air a' bhaile Aiseag Bhrothaig. B' e borgh neo-eisimeileach a bh' ann am Port Bhruachaidh bho 1864 gus an deach a thoirt a-steach do Bhorgh Rìoghail Dhùn Dè ann an 1913.
Eachdraidh
deasaichTha fianais ann air tuineachadh daonna bho chionn an linn ro-eachdraidheil agus dh'fhàs e gu bhith na bhaile iasgaich 's muc. B' e dachaigh Barain Gnìomhachas mòr an Diut san 19mh linn, agus dh'èigheadh air "am mìle ceàrnagach as beartaiche san Roinn-Eòrpa" aig an àm sin.
Chaidh Caisteal Bhrothaig a thogail ann an 1492, 's e a' dìon beul na h-aibhne gu 1932. Ach, a-rèir coltais, chaidh an caisteal, mar a tha e an-diugh, a thogail aig deireadh na naoidheimh linn deug, air an dearbh làraich far an robh an t-seann Daingneach. Tha e na sheasamh air roinn creige am Beul na Tatha.
Bha an caisteal seo an sàs gu mòr ann an Cogaidhean ris na Sasannaich agus cuideachd ann an Cogadh Sìobhalta Shasainn. Ghabhadh le cabhlach Shasannach e sa bhliadhna 1547, agus thugadh air ais bhuapa e le cabhlach Albannaich is Fhrangaich sa bhliadhna 1550. B' e seo sèist a chuir crìoch air a' chogadh mu dheireadh eadar Alba agus Sasann. Tha toll ri fhaicinn ann am balla a' chaisteil agus bhathas a' cumail a-mach am beul a' bhaile gur e balla canain a dh'adhbhraich e, ach chan eil cinnt ann ma tha seo fìor, gus nach eil. Tha an caisteal an-diugh na thaigh-tasgaidh a tha saor an-asgaidh. Tha an taisbeanadh a' foillseachadh diofar àm ann an eachdraidh an àite, mar eisimpleir: gnìomhachas nam mucan-mara, gnìomhachas an diut, cogaidhean agus mar sin air adhart. Gheibh luchd-tadhail sealladh air dualchas nàdair an àite cuideachd.
Mus deach a' chiad drochaid-rèile an Tatha a thogail ann an 1878, b' e bat'-aiseig a bha a' ceangladh an loidhne-rèile bho Obar Dheidhinn gu Dùn Èideann eadar Stonehaven agus Port Bhruachaidh.
Chaidh bàta-teasairginn a' bhaile, Bàta-teasairginn Mona, a chall san Dùbhlachd, 1959 leis a h-uile neach a bh' air bòrd, 's iad a' feuchainn ri long a bha eadar-dha-leann a shàbhaladh.
Taighean-òil
deasaichTha meadhan a' bhaile làn taighean-òil agus corra thaighean-seinnse, tòrr dhiubh aig a bheil deagh chliù, agus a tha a' toirt seachad biadh, a bharrachd air deoch. Chan e ach mìle ceàrnagach a th' ann am meud meadhan a' bhaile, agus gheibhear co-dhiù 15 taighean-seinnse na bhroinn, aon no dhà air gach sràid, agus gun ach mionaid no 30 diogan a thìde de chois eatorra. Tha The Fisherman's Tavern, The Ship Inn agus The Royal Anchor am measg an fheadhainn as aosta. Tha Fèill Leanna a' tachairt ann gach samhradh ann an cuid de na taighean-seinnse, ach gheibhear an cothrom beòir is leann àraid bho air feadh na h-Alba òl fad na bliadhna anns The Fisherman's Tavern.
Dealbhan
deasaich-
Seann Taighean Iasgaich le inbhe dhìonte
-
Bothan Glainne-Shìde
-
Bothan Glainne-Shìde2
-
Ealachan a' Bhruaich
-
Crosadh
-
Bàta-teasairginn a' Bhruaich
-
Caisteal Chlaypotts
-
The Fisherman's Tavern
-
Leabharlann a' Bhruaich
-
Bratach na h-Alba air mullach Chaisteal Bhrothaig
-
Caisteal Bhrothaig bhon tràigh
-
Grove Acadamaidh
-
Pàirc Reres
-
Taigh-geal a' Bhruaich
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Broughty Ferry/Port Bhruachaidh”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 10mh dhen Dùbhlachd 2017.