Tha Heinrich Hermann Robert Koch (Clausthal, 11 an Dùbhlachd 1843 - Baden-Baden 27 an Cèitean 1910) iomraiteach ann an rannsachadh air bitheagan ghabhaltach, gu h-àraid a thaobh lorg na caitheimh. Ann an 1905 fhuair e an Duais Nobel ann an Leigheas.

Robert Koch
Beatha
Ainm slàn Robert Heinrich Hermann Koch
Breith Clausthal (en) Translate, 11 dhen Dùbhlachd 1843
Dùthaich Rìoghachd Hanòbhair
 Impireachd na Gearmailte
Bàs Baden-Baden, 27 dhen Chèitean 1910
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (greim-cridhe)
Teaghlach
Athair Hermann Koch
Màthair Mathilde Henriette Koch
Cèile Emmy Koch (en) Translate  (16 dhen Iuchar 1867 -  1893)
Hedwig Koch (en) Translate  (2021 -
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Sinnsirean
Foghlam
Foghlam Oilthigh Göttingen
Àrd-fhoghlam dotair nan saidheansan
Stiùiriche an teusais Georg Meissner (mul) Translate
Rudolf Virchow (mul) Translate
Oileanaich dotaireachd Emil von Behring (en) Translate
Friedrich August Loeffler (en) Translate
Kitasato Shibasaburō (en) Translate
August von Wassermann (mul) Translate
Cànain Gearmailtis
Oileanaich Johannes Fibiger (en) Translate
August von Wassermann (mul) Translate
Alexander Crever Abbott (en) Translate
John Addison Fordyce (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd bith-eòlaiche, lighiche, innleachdair, neach togail dhealbhan, neach-teagaisg oilthigh, ceimigear agus military physician (en) Translate
Àitichean-obrach German East Africa (en) Translate
Fastaichean Oilthigh Humboldt Berlin
Obraichean comharraichte Koch's postulates (en) Translate
Duaisean a fhuaras
Ainmeachadh airson duaisean
Ballrachd An Comann Rìoghail
Acadamh Phruiseach nan Saidheansan
Acadamh Rìoghail Shuaineach nan Saidheansan
Acadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans
Comann Rìoghail nan Saidheansan is Litrichean ann an Göteborg
Acadamh Ruiseanach nan Saidheansan
Acadamh Fhrangach nan Saidheansan
Académie Nationale de Médecine (en) Translate
Acadamh Nàiseanta nan Saidheans
Seirbheis san arm
Strì Cogadh na Frainge 's na Pruise

Rugadh Robert Koch ann an Clausthal faisg air Hànobhar ann an Sagsainn Ìosail anns a' Ghearmailt air 11mh dhen Dùbhlachd 1843, agus chaidh àrach ann an teaghlach mòr de 13 chloinne. Bha athair Robert ag obair ann am mèinn-ghuail; gidheadh fhuair air Robert a dhol gu Oilthigh Göttingen, agus aig 23 bliadhna a dh'aois bha e na dhotair. An uair sin bha e ag obair ann an àitichean diofraichte air feadh na Gearmailt.

A dh'aindeoin sin, bha faireachdainn aige air cho beag feum is a bha ann gu sabaid an aghaidh nan galaran mòra. Mar eisimpleir: Aig an àm sin bhiodh gach seachdamh daoine anns a’ Ghearmailt a' caochladh leis a' chaitheimh. Mar sin thòisich e air sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air na bha ag adhbharachadh a' ghalair seo.

Às an leabhar Koch: Dòigh-beatha Bacillus anthracis

Ach rinn e rudeigin ùr: Dh’ fhàs e bitheagan ann am meadhan-fàis beathachaidh agus dhathaich e le Anilin iad. Mar sin dheth, bha e an comas dha bitheag na sgreaba (Bacillus anthracis/Splenic fever 'sa Bheurla) a chur air leth. Thathas a' cleachdadh nan aiseidean agar agus an t-soitheach Phetri a dh' innlich e fhèin gus an latha an-diugh. Ann an 1876 sgrìobh e lorg agus dòigh-beatha Bacillus anthracis.

B’ e sin an t-adhbhar gun d’ fhuair e obair ùr aig Bòrd na Slàinte ann am Berlin. An seo bha ùine gu leòr aige rannsachadh a dhèanamh agus ann an 1882 fhuair e a-mach mu dheidhinn na bitheag èitigich, (fàth na caitheimh, Mycobacterium tuberculosis). Bha e an comas dha shealltainn gum b' iad na bitheagan a bha rim faicinn anns an fhuil fàth a' ghalair, (nach b' iad dìreach na rudan a thigeadh an cois). Stèidhich e ceithir riaghailtean ris an canar Tagraidhean Koch. Ann an 1885 bha e na cheannard aig Oifis Impireil na Slàinte ann an Oilthigh Bherlin.

Bhiodh e a’ siubhal uaireannan air feadh an t-saoghail, don Eadailt, don Èipheit, do na h-Innseachan, Java agus Gini-Nuadh, agus air feadh Afraga an Ear. Fhuair e a-mach mu dheidhinn a' ghalair-àraidh, (Vibrio cholerae, Cholera 'sa Bheurla), mailèiria agus galaran eile. Ann an 1905, fhuair e Duais Nobel eòlas-leighis. Chaochail e air 27 Cèitean 1910 ann am Baden-Baden, Baden-Württemberg.

Urraman

deasaich

Gus an latha a th' ann an-diugh 's e Ionad Robert-Koch an t-ainm a tha air a’ bhòrd-slàinte as chudthromaiche anns a’ Ghearmailt.

Stèidhicheadh Duais agus Bonn Robert Koch gus urram a thoirt air meanbh-bhith-eòlasaichean a th' air rud gu tùr ùr a lorg, no a th' air cur ri slàinte na cruinne ann an dòigh àraid. B' e a' chiad neo-Ghearmailteach a choisinn a' bhuinn an t-àrd-ollamh Bill Hutchison aig Oilthigh Srath Chluaidh ann an Glaschu[1].

Iomraidhean

deasaich
  1. Fonndas Robert Koch (Gearmailtis)

Ceanglaichean a-mach

deasaich