Rob Alasdair MacFhraing
B' e Rob Alasdair MacFhraing FRSE FRSAMD (Beurla: Robert Alexander Rankin) matamataigear Albannach, ceòladair, agus fear-labhairt na Gàidhlig.
Rob Alasdair MacFhraing | |||||
---|---|---|---|---|---|
1957 - 1957 - John Meadows Jackson (en) →
1978 - 1978 ← Arthur D. Sands (en) - T. S Blyth (en) → | |||||
Beatha | |||||
Ainm slàn | Robert Alexander Rankin | ||||
Breith | Baile Gheàrr Lios, 27 dhen Dàmhair 1915 | ||||
Dùthaich |
Rìoghachd Aonaichte Rìoghachd Aonaichte na Breatainne Mòire agus Èireann 12 dhen Ghiblean 1927) | ||||
Bàs | Glaschu, 27 dhen Fhaoilleach 2001 | ||||
Foghlam | |||||
Foghlam |
Oilthigh Chambridge 1940) Fettes College (en) 1934) Clare College (en) (1934 - 1937) | ||||
Teusas | Contributions to the theory of Ramanujan's function τ(n) and similar arithmetical functions: I, II and III | ||||
Stiùiriche an teusais |
G.H. Hardy (en) Albert Ingham (mul) | ||||
Oileanaich dotaireachd |
Michael P. Drazin (en) Arthur D. Sands (en) E. J. Scourfield (en) Robert Wylie Irving (en) | ||||
Cànain | Beurla | ||||
Dreuchd | |||||
Dreuchd | matamataigear | ||||
Fastaichean |
Ministry of Supply (en) (1940 - 1945) Oilthigh Chambridge (1945 - 1951) Oilthigh Bhirmingham (1951 - 1954) Oilthigh Ghlaschu (1954 - 1983) | ||||
Obraichean comharraichte |
Rankin–Cohen bracket (en) Rankin–Selberg method (en) | ||||
Duaisean a fhuaras |
liosta
| ||||
Ballrachd | Comann Rìoghail Dhùn Èideann |
Rugadh e ann an Siorrachd Baile na h-Uige ann an 1915, agus chaidh e don sgoil ann am Fettes, ann an Dùn Èideann. Chnuasaich e matamataig aig Oilthigh Chambridge.
B' e prìomh cheann-adhbhair rannsaichaidh aige teoric nan àireamh[1].
Àm An Dàrna Cogadh, bha e ag obair air teoric gluasad rocaidean anns A' Chuimrigh. Ann an 1954 fhuair e dreuchd mar ollamh matamataig aig Oilthigh Ghlaschu. Bha e na cheannard na roinn matamataig fad cha mhòr trichead bliadhna. Leig e dheth a dhreuchd ann an 1982 agus às dhèidh sin bha dreuchd emeritus aige gus na 90an. Shiubhal e ann an 2001.
Bha ùidh mhòr aige ann an cuspairean Gàidhlig. Sgrìobh e paipear matamataig anns a' Ghàidhlig[2] Àireamh Muinntir Fhinn is Dhubhain, agus Sgeul Iosephuis is an Dà Fhichead Iudhaich (Beurla: The numbering of Fionn's and Dubhan's men and the story of Josephus and the 40 Jews) a chaidh a' chlo-bhualadh ann am Proceedings of the Royal Irish Academy, agus bha e na cheann-suidh onorach Comann Gàidhlig Ghlaschu, agus iar-ceann-suidhe Comann Litreachas Gàidhlig na h-Alba[3].
Iomraidhean
deasaich- ↑ http://www-history.mcs.st-andrews.ac.uk/Biographies/Rankin.html
- ↑ Proceedings of the Royal Irish Academy. Section A: Mathematical and Physical Sciences, Vol. 52 (1948 - 1950), pp. 87-93, https://www.jstor.org/stable/20488493
- ↑ https://www.heraldscotland.com/news/12147596.robert-rankin/