Is dòcha tha thu lorg speuradaireachd (astrology)

neul am partan
An t-Oll. Iain Caimbeul Brown FRSE, Reuladair Rìoghail air son Alba
Amharclann Rìoghail, Dùn Eideann

Is e reul-eòlas (no speur-eòlas no reuladaireachd) saidheans an stutha anns a' chruinne-chè agus bithidh e a' rannsachadh an sgaoilidh, an gluasad, nan coimeasgadh, nan staid agus an rothlas aige. Bithidh reul-eòlas a' mìneachadh tuiteamasan a thachras a-muigh a' Chruinne agus an àile aige. Bithidh reul-eòlaichean a' sgrùdadh an tùs is rothlas aig cùisean anns an domhan, cho math ris na buadhannan fiosaigeach is ceimigeach aca.

Tha reul-eòlas a' dèiligeadh ri rudan thairis air tomhasan aibhseach, bho phlanaidean, gu siostaman grèine, suas gu reultan, reul-bhagaidean, reul-chriosan (còmhla ris an stuth eatarra) suas ris an domhan fhèin na iomlan.

Reul-eòlas a-rèir an fhaclair

deasaich

Reul-eòlas

deasaich

A-rèir Richard Cox [1] 's e reul-eòlas

Tha e cudthromach iomsgaradh soilleir a dhèanamh eadar reul-eòlas a tha na saidheans, agus speuradaireachd. Tha mòran daoine ann nach tuig an difir eadar reul-eòlas agus speuradaireachd (fiosachd a-rèir suidheachadh nam planaidean agus nan reultan). Is fìor saidheans an reul-eòlas, ach is geaslanachd agus baoth-chreideamh an speuradaireachd. Is ann ro chumanta mì-thuigse mu dheidhinn an dà chuspair seo fhathast.

Speuradaireachd

deasaich

A-rèir Richard Cox[1] 's e speuradaireachd

  • a’ rannsachadh mar a dh’fhaodadh buaidh a bhith aig planaidean agus reultan air ar beatha
 
Leabhar:Reul-eòlas

Litreachas Reul-eòlais

deasaich

Tha litreachas anns a’ Ghàidhlig mu dheidhinn reul-eòlais nas pailte na litricheas mu dheidhinn saidheans eile air bith. Is e leabhar feumail Reul-eòlas leis an Ollamh Pàdraig Moore, eadar-theangaichte le Iain Aonghas MacLeòid. [2](Faic clàr-fiosrachaidh shìos.)

Ann an Àireamhan 174 agus 175 (1996), dh’fhoillsich GAIRM alt Reul-eòlas airson Luchd-'tòiseachaidh le Garbhan MacAoidh, còmhla ri foirlionadh: Clàr Briathran Reul-eòlais agus Eòlaidheachd. [3] Sgrìobh ùghdar Reul-eòlas airson Luchd-tòiseachaidh: “Cha tèid agam air creidsinn nach robh ar sinnsearan eòlach air a’ mhòr-chuid de na reul-bhaid* as cudthromaiche, gu h-àraid nan robh iad a’ seòladh air an àrd-chuan. Ach a-rèir coltais cha do chuir iad ainmean air mòran dhiubh. Dh’aithnich iad An Grioglachan, An Crann-arain, Slighe Chloinn Uisnich (a’ ghalacsaidh againne), ach glè bheag eile. B’ aithne dhaibh Reul na maide agus Reul an fheasgair (Bheunus no planaid eile nuair a dh’èireas i roimh ghrèin,agus an dèidh laighe na grèine), ach gu cinnteach cha b’ urrainn daibh na planaidean eugsamhail eadar-dhealachadh. Co-dhiù cha robh iad comasach air na planaidean as fhaide ás fhaicinn. A bharrachd air na reultan, dh’aithnicheadh iad na dreugan a thuiteadh air uairibh on speur, ged nach robh fios aca dè an nàdur”.

Sa bhliadhna 1857 dh’fhoillsich ministear Apainneach dom b’ ainm Duncan MacNair Connell leabhar Gàidhlig fon tiotal Beurla Gaelic Astronomy.

An 1872-1873 fhoillsich an iris-leabhar ainmeil "AN GAIDHEAL" sreath de deich aistean "AIR CRUINN-CHORPAIBH SOILLSEACH NAN SPEUR" leis an t-Urramach Alasdair Mac Griogair a sgrìobh fon ainm phinn "SGIATHANACH". [4]

Tha Irish Astronomical Tract sa Ghàidhlig ann bhon 14mh linn.

Gheibhear Stellarium sa Ghàidhlig, bathar-bog amharc-lann nam planaidean agus nam speuran.

Reuladairean ainmeil

deasaich

Faic cuideachd

deasaich

Clàr-fiosrachaidh

deasaich
  1. 1.0 1.1 Richard A.V. Cox, Brìgh nam Facal. ISBN 0-903204-21-5
  2. Moore, Pàdraig, Reul-eòlas, Eadar-theangaichte le Iain Aonghas MacLeòid, Foillseachair: John A. Macleod, Largs, Ayrshire, 1997.ISBN 0-9530874-0-9
  3. MacAoidh, Garbhan, Reul-eòlas air son luchd-tòiseachaidh, GAIRM Àireamhan 174, 175, 1996.
  4. AN GAIDHEAL: Leabhar I àireamh 9 (Ceud Mhìos A' Gheamhraidh 1872)- Leabhar II Àireamh 18 (Ceud Mhìos An Fhogharaidh 1873)