Raibeart II, Rìgh na h-Alba
B' e ogha Raibeart I a bh' ann an Raibeart Stiùbhart, rìgh Alba eadar 1371 is 1390. B' esan a' chiad monarc dhen teaghlach Stiùbhartach.
Thàinig an sloinneadh Stiùbhart bhon fhacal 'stiùbhard', a' ciallachadh 'fear a bhios a' cur rian air taigh an rìgh'. Bha sinnsearan Raibeart II ris an obair seo, ris an abradh 'àrd-stiùbhard na h-Alba', bho shean ann an Alba.
Òige
deasaichChaidh Raibeart àrach air na h-oighreachdan Stiùbhartach ann am Bòid, Srath Chluaidh agus Rinn Friù.
Chaidh an t-urram 'àrd-stiùbhard na h-Alba' a bhuileachadh air (aois 10) ann an 1327 nuair a chaochail athair, Walter an Stiùbhard, a bha na sheirbhiseach dìleas do Raibeart I. Mun aon àm, air sgàth 's gur h-e ogha Raibeart I a bh' ann, chaidh Raibeart ainmeachadh le Pàrlamaid na h-Alba mar oighre dhan rìgh òg Daibhidh II (aois 2 aig an àm), nan caochladh esan gun sliochd.
Nuair a chaochail Raibeart I ann an 1329, ghabh Eideard III Shasainn brath air an t-suidheachadh agus thugadh ionnsaighean a-rithist air Alba leis na Sasannaich. Bha Raibeart an làthair, aois 17, aig cath mòr Halidon an 1333, a bha na chall mòr dha na h-Albannaich.