Hairtebreac
Co-chomharran: 57°06′56″N 7°15′26″W / 57.115448°N 7.25716°W
'S e beinn anns na h-Eileanan Siar, Alba a th' ann an Hairtebreac.
Hairtebreac | |
---|---|
Sealladh bho mhullach na beinne air Loch Marulaigh. | |
Àirde (m) | 180 |
Àirde (tr) | 591 |
Àirde rinneach (m) | 68 |
Màthair-mhullaich | Ròineabhal |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Uibhist a Deas |
Mapa cumadh-tìre | OS Landranger (31) OS Explorer (453S) |
Comharradh-clèithe | NF819150 |
Suidheachadh
deasaichTha e suidhichte ann an ceann a deas Uibhist a Deas. tha e na laighe tuath air Ròineabhal agus ear air a' bhaile Gleann Dail bho Dheas.
Tha Hairtebreac 180m (591 troigh) de dh'àirde.[1] A rèir an "Database of British and Irish hills" rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air àirde na beinne air 28 an t-Sultain 2013.[2] Tha an àirde rinneach de 68m a' sgaradh Hairtebreac bho na beanntan eile agus 's e Ròineabhal a mhàthair-mhullaich. Chan eil air a mullach ach àite feurach le gneiss an siud is an seo, gun dad sònraichte a' comharrachadh a' phuing as àirde.[1] Tha Hairtebreac na laighe ann an àite iomallach, mar sin chan eil slighe ann a leanas gu mullach na beinne.
Eachdraidh
deasaichSan ear aig cois Hairtebreac chithear tobhtaichean baile timcheall air Bàgh Hairtebhagh a tha clàraichte leis a' Choimisean Rìoghail air Carraighean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba.[3] Bha naoi taighean dubha ann. Timcheall air a' bhaile bha mu 150 acair de fheannagan am-measg àitichean airson gearradh na mòine. Tha e coltach gun deach na ciad taighean a thogail timcheall air 1800.[3]
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 Hill Bagging Air a thogail 11 an t-Ògmhios 2016 (Beurla)
- ↑ "Database of British and Irish Hills". Làrach-lìn. Retrieved 8 an Lùnastal 2014 (Beurla).
{{cite web}}
: Check date values in:|accessdate=
(help) - ↑ 3.0 3.1 ⁊ An Coimisean Rìoghail air Carraighean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba“Canmore ID 126023: South Uist, Hairetabhagh” (Beurla). An Coimisean Rìoghail air Carraighean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba. Air a thogail 11mh dhen Ògmhios 2016.
Dealbhan
deasaich-
Sealladh bho Hairtebreac air Bàgh Hairtebhagh