Råshult
Råshult | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | An t-Suain |
Ceàrn | Kronobergs län |
Sgìre | Småland |
Co-chomharran | 56° 37 05′ Tuath 14° 12 07′ Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | (+46) 476 213 |
‘S e clachan beag ann an ceann a deas na Suaine a th’ ann am Råshult, neo Råshults Södregård, is tha an t-ainm a’ ciallachadh Gleann na Coille ann an Suainis, bho dà fhacal: rås (gleann) agus hult (coille). Tha e suidhichte am broinn Älmhult, eadar Loch Möckeln agus Loch Saganassjon,[1] anns an sgìre Kronobergs län, anns an roinn Småland,[2] 378km air falbh bho Stockholm, prìomh-bhaile na dùthcha agus 182km bho Ghöteborg.[3] Tha àite glèidheachas nàdarra ann cuideachd, is e a’ sìneadh air 42ha faisg air a’ chlachan.
Daoine Ainmeil
deasaich- Carl Linnaeus: (1707 – 1778) Rannsachair Bith-eòlais.
Dealbhan
deasaich-
Am broinn an taighe
-
Am baile ann an 1907
-
Liosan
-
Taighean fiodha