Pedagogia do Oprimido
Pedagogia do Oprimido | |
Fiosrachadh | |
Sgrìobhadair | Paulo Freire |
Bliadhna Foillseachaidh | 1968 |
Cànan | Portagailis |
Dùthaich | Braisil |
Gnè-sgrìobhaidh | Feallsanachd |
Cuspair | Marxachas, Foghlam |
'S e leabhar air a sgrìobhadh ann am Portagailis ann an stoidhl feallsanachail leis an ùghdar Paulo Freire, a chaidh a chlò-bhualadh ann an 1968 's a th' ann an Pedagogia do Oprimido. Thathar a' beachdachadh gur e an annas-làimh aig Freire. San leabhar rinneadh càineadh gun sòradh air a' mhodail-tasgaidh (Portagailis: modelo bancário), far an robh an siostam foghlaim a' lionadh cinn nan sgoilearan le stuth is na sgoilearan uabhasach fhèin neo-ghnìomhach. 'S e, a rèir Freire, gun sparradh am modail-tasgaidh luachan agus feumlachdan sòisealta orrasa a bha millteach air an leasan. B' fheudar gun dùisgeadh mothachadh nan daoine (Portagailis: conscientização) agus iad a' cruthachadh a' churraicealaim air an sonsa, curraicealam a ghabhadh leis an cuid leasan. 'S e th' ann Teasgasg Sgrùdach.[1]
S' ann air na ceithir ceistean aig an robh uidh aig Freire a nì an leabhar fòcas:
- dùisgeadh mothachadh
- Rèabhlaid
- Co-chòmhradh
- Co-obrachadh