Neumünster
Neumünster Neemünster
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Sgìre | Schleswig-Holstein | ||||
Co-chomharran | 54° 04' 17' Tuath 09° 59' 24' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 71.63 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 77,058 (2013) | ||||
Dlùths | 1,075.78/km² | ||||
Àireamh fòn | 04321 | ||||
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |
‘S e baile meadhanach ann an ceann a tuath na Gearmailt a th’ ann an Neumünster (IPA: nɔʏˈmʏnstɐ, Plattdüütsch: Neemünster). 'S ann à Neue (nuadh) agus münster (manachainn) anns a' Ghearmailtis a tha an t-ainm. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turas ann an 1127 mar Wippendorf im Gau Faldera, ach thogadh abaid an seo ann an 1136 cuideachd agus beag air bheag, ghabh an t-seann ainm àite dhan fhear ùr à Laideann: Novum Monasterium. Chaidh na thog na manaich a mhilleadh ri linn An Ath-Leasachaidh ann an 1566. Dh'fhuirich an sgrìobhadair Hans Fallada an seo ron an dàrna Chogadh, an dèidh am Prìosan fhàgail.[1] Tha e suidhichte aig 88m os cionn ìre na mara ri taobh na h-Aibhne Schwale, anns an stàit Schleswig-Holstein, 140km air falbh bho Rostock, 258km bho Bherlin 58km bho Hamburg agus 51km bho Lübeck.[2] Chan eil am baile a' buntainn do cheàrn (Gearmailtis: Kreis) eile agus tha 77,058 duine a' fuireach ann.[3]