Mustafa I
B' e còigeamh Sultan deug Impireachd nan Otomanach a bh' ann am Mustafa I (tiotalan: Kayser-i Rûm - 'Cèasar an Roimhe', İki Kutsal Cami'nin Hizmetkârı - 'Neach-glèidhidh an dà mhosg', far-ainm: Deli - caothach, Manisa 24 an t-Ògmhios 1591–Istanbul 20 am Faoilleach 1639).[1] B' e còigeamh mac Mhehmed III agus Halime Sultan, à Abkhazia a bh' ann.[2] Bha e os cionn na dùthcha dà thuras: bho 1617 gu ruige 1618 agus an uair sin bho 1622 gu ruige 1623. Rugadh e nuair a bha a sheanair Murad III fhathast air an rìgh-chathair agus bha mac agus dithis nighean.[3]Cha do chuir a bhràthair mòr Ahmed I gu bàs e nuair a dh'eug athair Mehmed III, an aghaidh an tradaisein, agus mar sin mhair e beò.[4] Nuair a chaochail Ahmed I aig 23 bliadhna a dh'aois leis an fhiabhras-bhallach bha deagh staing ann leis gun do nochd suidheachadh nach do thachair a-riamh roimhe: iomadh prionnsa uabhasach fhèin òg le deagh agartas air an rìgh-chathair is iad uile ri chèile ann an Istanbul.[5] B' e Mustafa a chaidh a chrùnadh an àite Osman II an dèidh mòran dheasbad eadar nan caillteanach is ministearan agus a dh'aindeoin gu robh trioblaid inntinn aige. B' e a' chiad turais a chaidh bràthair a chrùnadh an àite mhic agus a rèir an aoise ann an eachdraidh nan Otomanach. Cha do mhair e fiù 's bliadhna mus ro a chur às a dhreuchd airson Osman II air sàilleabh gur robh e faiceallach dhan a h-uile duine gur robh e glan às a rian.[6] Ann an 1622 chaidh Osman II a chur gu bàs leis na Yeniçeri agus fhuair Mustafa I an crùn air ais fad bliadhna eile, gu ruige 1623. Chuir e gu bàs a h-uile duine a bha an lùib bàs Osman II. Chuireadh Murad IV na àite an ceann greis.
Mustafa I | |||||
---|---|---|---|---|---|
22 dhen t-Samhain 1617 - 26 dhen Ghearran 1618 ← Ahmed I - Osman II →
20 dhen Chèitean 1622 - 10 dhen t-Sultain 1623 ← Osman II - Murad IV → | |||||
Beatha | |||||
Breith | Istanbul, 24 dhen Ògmhios 1591 | ||||
Dùthaich | Impireachd nan Otomanach | ||||
Bàs | Istanbul, 20 dhen Fhaoilleach 1639 | ||||
Àite-adhlacaidh | Hagia Sophia (en) | ||||
Teaghlach | |||||
Athair | Mehmed III | ||||
Màthair | Halime Sultan | ||||
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||||
Fine | Rìgh-shliochd nan Otomanach | ||||
Foghlam | |||||
Cànain | Turcais | ||||
Dreuchd | |||||
Dreuchd | riaghladair | ||||
Creideamh | |||||
Creideamh | Ioslam | ||||
Iomraidhean
deasaich- ↑ All About Turkey
- ↑ Peirce, Leslie (1993). The Imperial Harem: Women and Sovereignty in the Ottoman Empire. Oxford: Oxford University Press
- ↑ Sakaoğlu, Necdet (2008). Bu mülkün kadın sultanları: Vâlide sultanlar, hâtunlar, hasekiler, kadınefendiler, sultanefendiler. Oğlak Yayıncılık. p. 325. ISBN 978-9-753-29623-6.
- ↑ Quataert, Donald. The Ottoman Empire, 1700–1922, p.90. Cambridge University Press, 2000. ISBN 0-521-63328-1
- ↑ Börekçi, Günhan (2010). Factions And Favorites At The Courts Of Sultan Ahmed I (r. 1603-17) And His Immediate Predecessors.
- ↑ Imber, Colin. The Ottoman Empire: The Structure of Power, 2nd ed. New York: Palgrave Macmillan, 2009, ISBN 0-230-57451-3.