An Cuan a Tuath
muir
(Air ath-sheòladh o Muir a Tuath)
An Cuan a Tuath | |
Suidheachadh | |
Ainm dùthchail | North Sea/Mer du Nord/Nordsee/Nordzee/Nordsøen/Nordsjøen |
Seòrsa | Muir |
Farsaingeachd | 570,000km2 |
Fad | 960km |
Leud | 580km |
Mòr-roinn | Roinn-Eòrpa |
Dùthaich | An Danmhairg Nirribhidh An Fhraing A' Ghearmailt Alba Na Tìrean Ìsle A' Bheilg Sasainn |
'S e cuan Eòrpach a tha ann an Cuan a Tuath. Tha Breatainn san iar air, an Fhraing, a' Bheilg, na Tìrean Ìsle agus a' Ghearmailt sa deas air, agus Danmhairg agus Nirribhidh san ear air. Tha e ceangailte ris a' Chuan Siar le Caolas Sasannach air taobh an iar-dheas agus le Cuan Nirribheach air taobh a tuath. Tha mòran uisge nan aibhnichean Roinn-Eòrpa a' dol dhan chuan, a' toirt leis uisge bhon Mhuir Bhaltach. Thug seòladh a' chuain bhuaidh mhòr air eachdraidh Roinn-Eòrpa, an dà chuid seòladh airson malairt agus seòladh aig amannan chogaidhean. An-diugh, tha an cuan cudromach air sgàth malairt, ola agus chumhachdan na gaoithe is uisge.