B' e Muammar Muhammad Abu Minyar al-Gaddafi, neo dìreach Muammar Al-Gaddafi (Arabais:مُعَمَّر القَذَّافِي/معمر محمد أبو منيار القذافي‎) (Qasr Abu Hadi, 19mh An t-Ògmhios 1942 – 20mh An Dàmhair 2011) saighdear à Libia[1] agus bha e na Dheachdaire an siud bho 1969 gu ruige 2011.[2] Chaidh e a chur gu bàs anns an t-sràid le feachdan an riaghaltais ùir.[3] Fhuair e dubh-chàineadh air feadh an t-saoghail air sgàth na rinn e nuair a bha e os cionn riaghaltas na dùthcha aige.[4] A bharrachd air sin, bha e ainmeil airson a chuid taic a chur gu buidhnean ceannarcach air feadh an t-saoghail.[5]

Muammar al-Gaddafi
Toisiche Bràithreil is Stiùiriche na Rèabhlaide

1 dhen t-Sultain 1969 - 23 dhen Lùnastal 2011
← no value - no value →
Prìomh-mhinistear Libia

16 dhen Fhaoilleach 1970 - 16 dhen Iuchar 1972
Mahmud Sulayman al-Maghribi (en) Translate - Abdessalam Jalloud (en) Translate
Cathraiche an Aonaidh Afragaich

2 dhen Ghearran 2009 - 31 dhen Fhaoilleach 2010
Jakaya Mrisho Kikwete (en) Translate - Bingu wa Mutharika (mul) Translate
Beatha
Ainm slàn معمر محمد أبو منيار القذافي
Breith Qasr Abu Hadi (en) Translate, 7 dhen Ògmhios 1942
Dùthaich Kingdom of Libya
Libyan Arab Republic
Great Socialist People's Libyan Arab Jamahiriya
Àite-fuirich Bab al-Azizia (en) Translate
Bàs Sirte, 20 dhen Dàmhair 2011
Àite-adhlacaidh Fàsach Libianach
Nàdar a’ bhàis murt duine (leòn peileir)
Murtair Comhairle Nàiseanta Eadar-amail
Teaghlach
Athair Mohammed Abdus-Salam
Màthair Aisha Ben Niran
Cèile Fathia Nuri Khalid (en) Translate  (1969 -  1970)
Safia Farkash (en) Translate  (10 dhen t-Sultain 1970 -  20 dhen Dàmhair 2011)
Clann
Fine Qadhadhfa (en) Translate
Foghlam
Foghlam Acadamh Oilthigh an Airm ann am Benghazi
Joint Services Command and Staff College (en) Translate
Oilthigh Libia
Fu Hsing Kang College, National Defense University (en) Translate
Àrd-fhoghlam dotair nan saidheansan
Cànain Arabais
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs, sgrìobhadair agus oifigear
Àirde 185 centimetre
Obraichean comharraichte The Green Book (en) Translate
Third International Theory (en) Translate
Duaisean a fhuaras
Gluasad Pan-Arabism (en) Translate
anticolonialism (en) Translate
Arab nationalism (en) Translate
Third International Theory (en) Translate
Nasserachd
Seirbheis san arm
Meur an airm Libyan Army (en) Translate
Ìre còirneal
Strì Cogadh Sìobhalta Libia 2011
An Cogadh eadar an Èipheit is Libia
Uganda–Tanzania War (en) Translate
Chadian–Libyan War (en) Translate
First Liberian Civil War (en) Translate
Toyota War (en) Translate
Second Congo War (en) Translate
Battle of Tripoli (en) Translate
Ethiopian Civil War (en) Translate
1969 Libyan coup d'état (en) Translate
Creideamh
Creideamh Quranism (en) Translate
Ioslam Sunnitheach
Pàrtaidh poileataigeach An t-Aonadh Sòisealach Arabach
Libyan Arab Socialist Union (en) Translate
IMDb nm0300490

Teaghlach

deasaich

Rugadh e do dhaoine bhochd aig àm an Dàrna Cogaidh ann an teanta faisg air Sirte, leth slighe eadar Tripoli agus Benghazi. Bhuineadh e dhan treubh Gaddafa.[6] ‘S e mac Abu Minyar agus Didi, boireannach Iùdhach, a bh’ ann. Bha dithis bhràthair is aon phiuthair aige.[7] Phòs e dà thurais: a’ chiad turas ri Fatiha Al-Nuri, a bha na tìdsear,[8] ann an 1969 is an uair sin phòs e ris an nurs aige, Safia Farkash, ann an 1970.[9] Fhuair iad seachdnar chloinne (Saif Al-Islam, Saadi, Mutassim, Hannibal, Saif Al-Arab, Khamis agus Milad) is nighean (Aisha) ri chèile, a bharrachd air Muhammad, a mhac a fhuair e leis a’ chiad bhean aige.[10] Chaidh dithis dhaibh, Mutassim agus Saif Al-Arab, a mharbhadh ann an 2011. Dh’uchd-mhacaich e nighean eile air an robh Hanna.

Foghlam

deasaich

Fhuair e a chuid fhoghlaim aig bun-sgoil Chorànach ann an Sirte fhèin is an uair sin aig Àrd-sgoil ann an Sebha, Roinn Fezzan. Thug e ceum ann an Lagh aig Oilthigh Libia agus chaidh e dhan Sgoil Shaighdearachd na dùthcha, ann am Benghazi, ann an 1963. Mu dheireadh thall, chuir e seachad ùine ghoirid aig Sgoil Shaighdearachd Camberley, ann an Sasainn, ann an 1965.[11] Ann an Libia, is air feadh na dùthchannan Arabach, bha an Sgoil Shaighdearachd, agus dreuchd mar oifigear an dèidh sin, an aon ceum fosgailte dha na daoine bhochd thàlantach anns an dùthaich. Dh’fhaodadh ceum a thoirt aig an oilthigh tro mheadhan na feachdan armachd agus thabhainneadh an t-arm an cothrom clàs sòisealta atharrachadh cuideachd. A bharrachd air sin, bha na feachdan armachd an sàs ann am poileataigs is le sin ‘s e seòrsa dhe taghadh reubaltach a bh’ ann, gu h-àraidh air sàilleabh na rinn Nasser anns an Èipheit.[12]

Ar-a-mach 1969

deasaich

Bha oifigearan air feadh na dùthcha fo bhròn air sgath do chuir Iosrael ruaig air na h-Arabaich uile gu lèir ann an 1967. Bha iad a’ beachdadh an t-saoghail Arabach aonadh is an Rìgh a chur às an dùthaich. Bha Al-Gaddafi an sàs anns an oidhirp sin bho thùs. Dh’èirich iad suas air an 1 An t-Sultain 1969 nuair a bha an Rìgh ann an ospadal thall anns An Tuirc.[13] Le sin, thoisich 43 bliadhna dhe Deachdaireachd Ghaddafi.

Os cionn na dùthcha

deasaich

Dh’fhoillsich e an Leabhar Uaine (Arabais:الكتاب الأخضر‎ al-Kitāb al-Aḫḍar) anns na 70an, is chleachd e an leabhar gus a chuid fheallsanachd phoiliteagach a thoirt gu bàrr, is ‘s e seòrsa dhe roghainn nàiseanta dhan Shòisealachd agus dhan Chalpas a bh' ann, le eileamaidean Ioslamach na measg.[14] Ann an 1977 cruthaich e an Jamahiriya/ﺟﻤﺎﻫﻴﺮﻳﺔ neo "Stàit na daoine uile gu lèir", le na mìltean dhe comataidhean a’ stiùireadh an riaghaltais.[15] Ann an 1982, thoirmisg na Stàitean Aonaichte in-mhalairt a’ Pheatrail bho Libia, mar cheum peanasach o chionns gu robh an dùthaich sin a’ toirt taic do cheannarcaich.[16] Ann an 1986, an dèidh spreadhadh ann an talla-dannsa ann am Berlin, is dithis bho Aimearaga air am marbhadh, thug na Stàitean Aonaichte ionnsaighean le plèanaichean cogaidh air Tripoli agus Benghazi.[17] A bharrachd air sin, chuir iad smachd-bhannan eaconamach an gnìomh an aghaidh Libia. Aig deireadh na 80an bhite a’ fàgail air Riaghaltas Libia taobh a bhith an sàs anns na h-ionnsaighean an aghaidh plèanaichean aig companaidhean adhair mar Phan Am agus UTA, is an turas sin ‘s e na Nàiseanan Aonaichte fhèin a chuir smachd-bhannan an gnìomh, ann Am Màrt 1992.[18]

Ann an 1992 agus 1993 agus chuir na Nàiseanan Aonaichte tuilleadh smachd-bhannan cruaidh air Libia is iad a’ fàgail air Al-Gaddafi gu robh e a toirt taic-airgid do cheannaircich air feadh an t-saoghail.[19] Cha do deach na smachd-bhannan sin a chur an dara taobh ach ann an 1999. Dh’fhàs suidheachadh eaconamach na dùthcha na bu mhiosa air sàilleabh na smachd-bhannan sin agus leis gu robh prìs a’ pheatrail a’ tuiteam aig ìre eadar-nàiseanta, is le sin nochd mì-thoileachas fad is farsaing. Ann an 1993, rinn buidheann dhe oifigearan foill-mhortadh an aghaidh Al-Gaddafi, ach chuir esan ruaig orra.[20] Chaidh còrr is 1,500 a chur an greim agus chaidh siostam riaghladh an airm ath-structaradh uile gu lèir. Ann an 1998 thachair oidhirp mharbhtach eile an aghaidh Al-Gaddafi. Chaidh e a losgadh air, agus dhèanadh obair-lannsa airsan gus a bheatha a shàbhaladh. Dh’fhàillig oidhirp eile an ceann greis, is chum Al-Gaddafi a’ dol. Anns na 2000 phàigh Al-Gaddafi airgead-dìolaidh do theaghlaichean an fheadhainn a bhàsaich anns an ionnsaigh air Lockerbie.[21] Ri linn sin, dhearbhaich an ceann-suidhe, George W. Bush, gun do chuireadh às armachd lèir sgrios Libia. [22]

Pan-arabas

deasaich

Bha Muammar Al-Gaddafi, fo bhuaidh na rinn Gamal Abdel Nasser thall anns an Èipheit,[23] airson sòisealachd Arabach na stàite làn Pan-arabas a thoirt gu buill. Ghabh e thairis iomadach companaidh, gu h-àraidh an fheadhainn a bha le daoine às An Eadailt.[24] Beagan an dèidh an riaghaltas a ghabhail thairis, chuir e an t-Arm Breatannach a-mach às an dùthaich, dèidh 13 bliadhna an siud.[25] An uair sin dh’iarr e air na Stàitean Aonaichte gum fàgadh iad an cuid ghearastanan ann an Libia, Wheelus Air Base nam measg.[26] Ann an 1970, le taic bhon charaid is comhairliche aige, Abdessalam Jalloud, b’ urrainn dha piseach a dhèanamh ann am prìs a’pheatrail.[27] Bhrosnaich sin na dùthchannan eile a dhèanadh peatrail is chuir sin poileataigs na cruinne a’ pheatrail bun-os-cionn. O chionn ’s gu robh e airson Pan-arabas, mhol Al-Gaddafi do Nasser gun aonadh iad na dùthchannan aca ri chèile, ach chuir droch shuidheachadh eadar-nàiseanta nan Arabach an dèidh gun do chaill iad an Cogadh ann an 1967 stad air sin co-dhiù.[28] Eadar 1973 agus 1974, dh’fheuch e ri aonadh còmhla ri Tuinisia ann an aon stàit a chur air dòigh.[29] Ghabh Habib Bourguiba ris a’ chiad chòrdadh ach cha do rinn iad tuilleadh leis nach robh Al-Gaddafi deiseil idir. Air sgath sin, dh’fhàs an suidheachadh eadar Libia agus Tuinisia na bu mhiosa. Bha polasaidhean ionnsaigheach aig Al-Gaddafi taobh na Dùthchannan Cèin, agus ghabh e seilbh de facto air an Raon Aozou, anns an t-Siad, ann an 1973, agus fhuair e gràin na Frainge air sgath sin.[30] Chuir e 3,000 saighdearan airson taic a thoirt do Idi Amin Dada ri linn an Cogadh eadar Uganda agus Tansainìa ann an 19781979, is fiù ’s rinn e ionnsaigh air an dùthaich sin.[31] Ach chan fhaodadh na feachdan sin càil a dhèanamh oir chaill Uganda an cogadh, is le sin b’ fheudar do Amin theiche air falbh ann An Giblean 1979. An ath-bhliadhna, dhearbhaich ceann-suidhe Shiad, Goukouni Oueddei, ann an Tripoli gun aonadh An t-Siad còmhla ri Libia, ach bha An Fhraing an aghaidh, leis gu robhar dhen bheachd gur e clach-ghlasaidh Afraga na Frainge a bh’ ann an t-Siad bho thùs. Lean an connspaid sin eadar Paris agus Tripoli fad na 80an, fiù’s an dèidh do Hissène Habré ruaig a chur air an fhear eile ann an Dùbhlachd 1981. Dh’fhàg Paris air Al-Gaddafi gu robh esan a’ cur làmh anns an t-Siad, is chuir iad saighdear dhan dùthaich dà thurais airson taic a thoirt do Habré an aghaidh na feachdan aig Oueddei, a fhuair taic bhon Arm ann an Libia fhèin (Misean Manta, ann an 1983 agus Misean Épervier, ann an 1986 gu ruige 2004). A dh’aindeoin sin, bidh An Fhraing a’ cur às àicheadh gur robh làmh aca ann an oidhirp marbhtach an aghaidh Al-Gaddafi ann 1980, is iad a’ cur a aghaidh na thuirt dithis às An Eadailt, am fear-lagha Rosario Priore agus Francesco Cossiga, a bha na cheann-suidhe na dùthcha.

Càireas ùr leis an Iar

deasaich

Ann an 2003 dh’innis Al-Gaddafi gun cuireadh e às do Armachd Lèir Sgrios[32] ann an Libia agus gun gabhadh e pàirt ann an cogadh an aghaidh nan ceannairceach, a bha aig cridhe polasaidhean Dùthchannan Cèin na Stàitean Aonaichte ri linn an Riaghaltais aig Bush.[33] An uair sin chuir George W. Bush stad air na smachd-bhannan an aghaidh Libia. Le sin, thoisich companaidhean peatrail à Breatainn agus na Stàitean Aonaichte a bhith an sàs anns an dùthaich. Ann an 2005 dh’aontaich companaidhean ola mar Exxon, BP, Halliburton, Chevron, Conoco agus Marathon Oil, còmhla ri companaidh stuth armachd mar Raytheon agus Northrop Grumman, a bharrachd air companaidhean stuth ceimigeach mar Dow Chemical agus Fluor is luchd-lagha mar White & Case gus buidheann gnìomhachais a chruthachadh, an US-Libya Business Association.[34] Chaidh stad a chur air na smachd-bhannan aimearganach a bha air Libia uile gu lèir ann am Màrt 2006.

Ar-a-mach 2011

deasaich

Thoisich na daoine air fianais a thogail an aghaidh Al-Gaddafi ann an Gearran 2011,[35] leis gum faca iad na thachair ann an Tuinisia is an Èipheit. An ceann greis thoisich ar-a-mach air feadh na dùthcha, is chuir na reubaltaich Riaghaltas eile air dòigh ann am Benghazi (5mh Am Màrt 2011),[36] air an robh A’ Chomhairle Nàiseanta Eadar-amail (CNE, Arabais: Al-Majlis Al-Watani Al-Ulaantaqali, المجلس الوطني الإنتقالي). Le sin bha cogadh sìobhalta ann tro 2011. Chuir co-bhann fo stiùireadh NATO Rùn 1973 na Nàiseanan Aonaichte an gnìomh airson sìobhaltaich ann an Libia a dhìon bho na pleànaichean aig Al-Gaddafi.[37] Chaidh so-mhaoine na Gaddafi a reothachadh is thug Interpol agus A’ Chùirt Eadar-nàiseanta Eucoireach barrantasan a-mach gus Muammar Al-Gaddafi, a mhac Saif Al-Islam agus a bhràthair-cèile Abdullah al-Senussi a chur an làimh fo chasaidean taobh Eucoir an aghaidh na Daonnachd.[38]

Chaill Al-Gaddafi an cath airson Tripoli anns an Lùnasdal 2011 is b’ fheudar dha a theiche.[39] Ghabh an CNE thairis an t-àite a b’ àbhaist a bha aig Al-Gaddafi aig na Nàiseanan Aonaichte air an 16mh latha dhen t-Sultain 2011.[40] Ach bha a’ mhòr-chuid dhen dùthaich fhathast fo bhuaidh Al-Gaddafi, gu h-àraidh Sirte, am baile aige fhèin.[41] Shabaid na feachdan aige an aghaidh an CNE ann an Sirte ach mu dheireadh thall chaidh Al-Gaddafi a chur an greim air an 20mh latha dhen Dàmhair 2011 is bhàsaich e an ceann greis.[42]

Dealbhan

deasaich

Ceanglaichean A-mach

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Frankfurter Allgemeine Zeitung
  3. El País
  4. Amnisty International
  5. BBC
  6. Centro de Estudios y Documentación de Barcelona
  7. Isengzone
  8. Daily Mail
  9. About
  10. BBC
  11. Forum sur la Coopération Sino-Africaine
  12. Biografías y Vidas
  13. BBC
  14. Mouvement International pour la Démocratie Directe
  15. Mathaba
  16. Pearson Institute for International Economics
  17. Pearson Institute for International Economics
  18. El Mundo
  19. Noticias 24
  20. Réné Naba
  21. The Independent
  22. BBC
  23. Spartacus
  24. La Repubblica
  25. Sunu News
  26. Air Force magazine
  27. Afrique Tribune[dead link]
  28. Country Studies
  29. Dafina
  30. BBC
  31. All Africa
  32. Global Security
  33. Al Manar
  34. US-Libya Business Association
  35. El País
  36. CNT Libya
  37. Conseil de Sécurité
  38. Xinhua Net
  39. Clarín
  40. San José Mercury
  41. CNN
  42. Jerusalem Post