Minquiers
'S e buidheann de dh’eileanan is chreagan anns na h-Eileanan a' Chaolais a th’ anns na Minquiers (Fraingis:Les Minquiers; ann an Jèrriais: Les Mîntchièrs; far-ainm Beurla "the Minkies" ) Tha iad suidhichte anns a’ Chaolas Shasannach mu 9 mìle air falbh san àird a deas Jersey. Tha iad nam pàirt den Bailiwick of Jersey.
Chan eil duine a’ fuireach an-seo ach uaireanan tha iasgairean, seòladairean agus luchd-turais a’ tighinn chun an eilein as t-samhradh.
Anns a’ bhliadhna 1950 chaidh an Rìoghachd Aonaichte agus an Fhraing gu Cùirt Eadar-nàiseanta a' Cheartais airson faighinn a-mach cò aig a bheil na h-eileanan Minquiers agus Écréhous. San 17mh, an t-Samhain 1953 thuirt an Cùirt Eadar-nàiseanta a' Cheartais gu bheil nah-eileanan nam pàirt den Jersey agus mar sin ceangailte leis an Rìoghachd Aonaichte. [1].
Sgrìobh Victor Hugo gu math mionaideach mu Les Minquiers anns an nobhail aige: Ninety-Three.
'S e seo na h-eileanan is creagan as cudthromaiche:
- Maîtresse Île / Maîtr' Île
- Les Maisons
- Le Niêsant
- Les Faucheurs
- La Haute Grune.
Iomradh
deasaichCeangal a-mach
deasaichEileanan a' Chaolais | |
---|---|
Bailiwick of Jersey | Jersey • Les Écréhous • Les Minquiers • Pierres de Lecq • Les Dirouilles |
Bailiwick of Guernsey | Guernsey • Alderney • Sark • Herm • Brecqhou • Burhou • Ortac • Les Casquets • Jethou • Lihou • Crevichon • Les Houmets |