Brecqhou
'S e aon de na h-Eileanan a' Chaolais a th’ ann am Brecqhou (neo Brechou; (IPA: ˈbʁɛku). Thàinig an t-ainm bhon chànan Seann-Lochlannais, tha an iar-leasach -hou (holm) a’ ciallachadh: eilean. Tha brekka a’ ciallachadh: creag neo sgeir.
Tha Brecqhou suidhichte anns a’ Chaolas Shasannach san taobh an iar Sark.
Tha e na phàirt den Bailiwick of Guernsey. Tha an t-eilean aig na bràithrean David agus Frederick Barclay aig an robh am pàipear-naidheachd: The Scotsman. Mar sin chan eil an t-eilean fosgailte do luchd turais. Tha deasbad a’ dol ann fhathast, an e Crown Dependency a th' ann neo nach e.
Eileanan a' Chaolais | |
---|---|
Bailiwick of Jersey | Jersey • Les Écréhous • Les Minquiers • Pierres de Lecq • Les Dirouilles |
Bailiwick of Guernsey | Guernsey • Alderney • Sark • Herm • Brecqhou • Burhou • Ortac • Les Casquets • Jethou • Lihou • Crevichon • Les Houmets |