'S e grioglachan cruinn a th' ann am Messier 75 (agus M75 no NGC 6864 air cuideachd) a chithear ann an reul-bhad a' Bhoghadair. Chaidh a lorg le Pierre Méchain ann an 1780 agus 'ga ghabhail a-steach ann an catalog Charles Messier dhe chuspairean air a bheil coltas comaid san dearbh bhliadhna.

Messier 75
Dàta an sgrùdaidh (Ceann-aimsir J2000)
Clas Clas I[1]
Reul-bhad Am Boghadair
Dìreadh deas 20u 06m 04.75d[2]
Dì-chlaonadh −21° 55′ 16.2″
Astar 67.5 kly
(20.7 kpc)
Meudachd lèirsinneach (V) +9.18
Dimeinseanan lèirsinneach (V) 6′.8
Feartan fiosaigeach
Ainmean eile M75, NGC 6864, GCl 116

Tha M75 mu 67,500 bliadhna-sholais air falbh on Talamh agus tha a mheudachd lèirsinneach san speur a thoirt a fìor-rèideas dhe mu 67 bliadhna-sholais dhuinn. Chaidh a sheòrsachadh mar Chlas I agus is ciall dha gur e seo aon dhe na grioglachain chruinne as teannaichte air a bheil sinn eòlach. Tha meudachd absaloideach mu −8.5 aig Messier 75, 's e seo mu 180,000 uiread a bhoillsgeachd na tha aig a' Ghrian.

Mapa a sheallas ionad Mhessier 75
  1. Shapley, Harlow ⁊ Helen B. Sawyer (1927): “A Classification of Globular Clusters,” (Beurla), ann an: Harvard College Observatory Bulletin, àir. 849, td. 11–14.
  2. "Toraidhean airson NGC 6864". SIMBAD Astronomical Database. 2006-11-16.
  3. rèideas = astar × sin( ceàrn_trast-thomhais / 2 ) = 67 ly (bliadhna-sholais).

Ceanglaichean a-mach

deasaich