'S e siostam seòrsachaidh a th' ann an clas teannachaidh Shapley–Sawyer air sgèile o aon gu dà dheug a chleachdas àireamhan Ròmanach airson grioglachain chruinne a sheòrsachadh a-rèir an teannachaidh aca. Thèid na grioglachain leis an teannachadh as àirde mar M75 a sheòrsachadh mar Chlas I, leis an teannachadh 'ga lùghdachadh ceum air cheum gu ruige Clas XII, can Palomar 12. (Thèid an clas a thoirt seachad le àireamhan àbhaisteach [Clas 1–12] seach àireamhan Ròmanach aig amannan.)

Eachdraidh

deasaich

O 1927–1929 a-mach, thòisich Harlow Shapley agus Helen Sawyer Hogg air grioglachain a sheòrsachadh leis an sgèile seo a-rèir ìre an teannachaidh a tha air an t-siostam an comhair an eitein. Thòisicheadh air Shapley–Sawyer Concentration Class a chur air an sgèile sin rè àm.[1]

Clasaichean

deasaich
Clas Tuairisgeul Ball-eisimpleir
I Fìor-theannachadh an comhair a' mheadhain
II Teannachadh dùmhail sa mheadhan
 
Messier 2
III Titean treun de reultan
 
Messier 54
IV Teannachaidhean meadhanach beartach
 
Messier 15
V Teannachaidhean reultan meadhanach
 
Messier 30
VI Meadhanach
 
Messier 3
VII Meadhanach
 
Messier 22
VIII Teannachadh caran sgaoilte an comhair a' mheadhain
 
Messier 14
IX Teannachadh sgaoilte an comhair a' mheadhain
 
Messier 12
X Sgaoilte
 
Messier 68
XI Glè sgaoilte an comhair a' mheadhain
 
Messier 55
XII Teannachadh gann an comhair a' mheadhain
 
Palomar 12

[2]

Iomraidhean

deasaich
  1. Harlow Shapley, Helen B. Sawyer: A Classification of Globular Clusters. Ann an: Harvard College Observatory Bulletin. Iom-leabhar 849, 1927, td. 11–14 (harvard.edu)
  2. Burton, Jeff (July 26, 2011). "Shapley–Sawyer Globular Cluster Concentration Class".