'S e margadh sònraichte aig àm ron Nollaig a th' ann am Margadh na Nollaige. Tha iad ceangailte leis an Nollaig agus mar is trice bidh iad ann anns na ceithir seachdainean den aidmheint agus dùinidh iad dìreach ro Oidhche na Nollaige. Tha iad stèidhichte air rathaidean is sràidean ann am meadhan a' bhaile no air àitichean air beulaibh talla a' bhaile no togalach eachdraidheil eile.

Margadh na Nollaige ann am Frankfurt
Christkindlmarkt ann am München

An t-Ainm

deasaich

Canar Weihnachtsmarkt ris sa Ghearmailtis, ach ann an àird a deas na Gearmailt agus anns an Ostair cleachdar an t-ainm Christkindlmarkt no Christkindlesmarkt cuideachd a tha a' ciallachadh Christ child market sa Bheurla. Anns an Rìoghachd Aonaichte 's e German Christmas Market no Christkindlmarket a th' orra.

Eachdraidh

deasaich
 
Margadh na Nollaige, dealbh às an 19mh linn

Chaidh na margaidhean a stèidheachadh anns na Meadhan-Aoisean anns a' Ghearmailt, anns an Ostair agus anns an Alsace, sgìre anns an Fhraing an-diugh. Bho thùs bha iad a' toirt cothrom do na daoine, gu h-àiridh air an dùthaich, bathar is biadh sònraichte a cheannachd a bhiodh a dhìth orra tron gheamhradh. Tro na linntean stèidhich na margaidhean seo mar phàirt de na cleachdaidhean aig àm ron Nollaig.

Ged nach robh ceangal ann ris an Nollaig aig an àm ud, thòisich "Margadh na Dùbhlachd" ann an Vienna ann an 1294. Nochd a' chiad tùs sgrìobhte mu mhargadh na Nollaige ann am Bautzen ann an 1384. [1] 'S e aon de na margaidhean as aosta a tha ann am Margadh na Nollaige Dhresden, bha a' chiad fhear ann an 1434.[2] An-diugh tha e a' tarraing eadar 1.5 is 2 millean neach-turais gach bliadhna.

Gu tradaiseanta cha robh Margaidhean na Nollaige cumanta anns na roinnean far a bheil Beurla ga bruidhinn ach thàinig iad do na Stàitean Aonaichte leis na h-eilthirich às a' Ghearmailt.[3]. A-nise tha feadhainn ann an Chicago (bho 1995 a-mach), Denver (bho 1999 a-mach), Kitchener (Canada) agus ann am bailtean eile.

Ann an 1982 chaidh Margadh na Nollaige a stèidheachadh ann an Lincoln, Sasainn, agus bha e ann aig toiseach na Dùbhlachd. 'S e seo aon de na margaidhean as motha anns an Rìoghachd Aonaichte gus an latha an-diugh. Canar gu bheil e a' tarraing nas motha na 100,000 neach-turais ann an ceithir làithean.

An nuair sin chuireadh margaidhean air bhonn ann am Birmingham (bho 1997), Bristol (1998) is Manchester (1999). Ann an 2009 bha timcheall air 2.8 millean duine ann am Margadh Bhirmingham a bha ann fad ceithir seachdainean.[4] Tha margaidhean mòra eile ann an Leeds, Liverpool, Nottingham agus Kingston upon Thames. Mar ist trice canar German Christmas Market no Christkindlmarket riutha sa Bheurla.

Bhon bhliadhna 2000 a-mach tha fear ann an Ōsaka (Iapan) cuideachd.

Ann an Alba tha Margadh na Nollaige ann an Glaschu [5] agus dà eile ann an Dùn Èideann (bho 2000 a-mach) ris an canar Edinburgh Highland Village Christmas Market agus Edinburgh Traditional German Christmas Market.[6]

Na Margaidhean

deasaich

Air sgàth 's nach eil na margaidhean stèidhichte fad na bliadhna, thogar bùthan beaga à fiodh no cleachdar teannta mòr no carabhan. Tha na margaidhean gan sgeadachadh gu brèagha.

Ann an cuid bhailtean tha Nativity Scene ann, uaireannan le caoraich no asal no gobhar beò, ann am bailtean eile tha Bodach na Nollaige ann a tha a' toirt tìodhlaicean beaga do chlann. Nithear dealbh-cluiche, is ceòl tradaiseanta freagarrach do àm na Nollaige. Mar is trice tha craobh mhòr na Nollaige ann le solais gheala cruthaichte ann an samhlaichean mòra. Tha sin a' coimhead àlainn gu h-àraidh ann an dorchadas na h-oidhche agus a' tarraing mòran luchd-tadhail do na margaidhean.

 
Bùth le obair-crèadha
 
Bùth le mìlsean

Tha bùthan de gach seòrsa ann. Tha cuideam làidir air obair-ciùird gu h-àraidh às a' bhaile no as an sgìre fhèin. Reicear mar eisimpleir dèideagan fiodha, obair-chrèadha is obair-leathrach, seudraidh làmh-dhèanta is clachan talmhainneach, cairtean-phuist sònraichte is dealbhan ann an stoidhlean eadar-dealaichte. Gheibhear cuideachd stuth à factaraidhean ionadail a tha feumail airson nan dachaighean. Mar is trice tha taghadh de dh’aodach ann, aodach saor à factaraidhean is aodach sònraichte a chaidh a chruthachadh leis na reiceadairean fhèin.

Reicear a h-uile stuth a tha cudromach airson na Nollaige, m.e. rionnagan is soillsean, buill chriostal is coinnlean cèir-sheillean airson craobh na Nollaige a sgeadachadh. Taomhaichear gu mòr air obair-cùird dualchasach ach tha cuid pìosan dhiubh a' fàs nas cumanta air feadh na dùthcha. Mar eisimpleir gheibhear Räuchermann (fear-smùid), pioramaidean na Nollaige is Schwibbogen às na Ore Mountains air mòran mhargaidhean an-diugh.

Gheibhear a h-uile seòrsa bìdh cuideachd, gu h-àraidh biadh às an àite fhèin no biadh sònraichte a tha freagarrach do àm na Nollaige. Bidh na beicearan a' reic Printen, Lebkuchen is Spekulatius (seòrsa aran-cridhe bog no cruaidh) no Christstollen (aran milis le measan tiormaichte). Bidh mìlsean à seòclaid no cnò-almoin greideachte le siùcair rim faighinn cuideachd. A bharrachd air sin gheibhear isbeanan, iasg is feòil. Reicear caochladh de bhiadh tradaiseanta agus eadar-nàiseanta.

Aig an àm seo dhen bhliadhna tha i fuar agus mar sin òlar Glühwein (fìon dearg theth le spìosraidhean) no Punsch (deoch teth le Arrak, siùcar, liomaid, , uisge agus spìosraich) no cofaidh, tì no seòclaid theth airson a bhith nas blàithe. Tha sùgh-ubhail no sùgh-orains teth le spìosraich ann don chloinn. Gheibhear leann agus fìon ionadail cuideachd.

Eaconamaidh

deasaich

Ged a tha cuid de na margaidhean ionadail beaga ann air nach eil sùil air prothaid, tha na margaidhean mòra a' ruith le buidhnean-gnothaich mhòra.

Mar eisimpleir: 'S e am Frankfurt Christmas Market ann am Birmingham, baile-chèile Frankfurt, margadh na Nollaige Gearmailtich as motha taobh a-muigh na Gearmailt is na Ostair. Chruthaich Kurt Stroscher (bhon Frankfurter Tourismus und Congress GmbH) plana ann an 1997, far an do thugadh a-steach a h-uile bathar, bùthan is reiceadairean à Frankurt do Bhirmingham. Ged a thòisich am margadh mar phròiseict bheag eadar an dà bhaile, bha ùidh mhòr aig an luchd-tadhail agus dh'fhàs am margadh nas motha is nas motha bhon uair sin. Ann an 2008 bha e a' tarraing gu bhith 3 millean duine agus bha malairt cho àird ri 67 millean not.[7]

Cuideachd tha na buidhnean-siubhail air feadh na roinn Eòrpa a' reic thursan do Mhargaidhean na Nollaige anns a' Ghearmailt no anns an Ostair. Leis na prìsean cho saor air na ticeadan plèana fàsaidh sin nas cumanta. Bidh mòran luchd-siubhail a' dol do Dhresden, Salzburg no àite eile dìreach airson deireadh na seachdaine a-mhàin.

Dealbhan

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Margadh na Nollaige Bhautzen A' tarraing air 3s an Dùbhlachd 2010 (Gearmailtis)
  2. Eachdraidh den Striezelmarkt ann an Dresden A' tarraing air 3mh an Dùbhlachd 2010 (Gearmailtis)
  3. Eachdraidh Christkindlmarket ann an Chicago A' tarraing air 9mh an Dùbhlachd 2010 (Beurla)
  4. Another Record year for Frankfurt Christmas Market Birmingham City Council, a' tarraing air 7 an Dùbhlachd 2010 (Beurla)
  5. Glasgow Traditional Christmas Market Christmasmarkets.com, a' tarraing air 8 an Dùbhlachd 2010 (Beurla)
  6. Edinburgh Christmas Markets Edinburgh 360, a' tarraing air 8 an Dùbhlachd 2010 (Beurla)
  7. Bratwurstzauber in Birmingham Carsten Volkery, Spiegel Online, a' tarraing air 9mh an Dùbhlachd 2010 (Gearmailtis)

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: