'S e sgrìobhaiche ciùil, craoladair agus seinneadair Catalanach a th’ann Marc Parrot Rufias. Rugadh e ann am Barcelona, Catalòinia, An Spàinn, air 14mh an Cèitean 1967.

Marc Parrot
Guth
Beatha
Breith Barcelona, 14 dhen Chèitean 1967
Dùthaich  Na Dùthchannan Catalanach
Teaghlach
Cèile Eva Armisén (en) Translate
Foghlam
Cànain Catalanais
Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd saothraiche chlàran, ceòl-sgrìobhaiche agus neach-ciùil
IMDb nm1688480
marcparrot.com agus marcparrot.com

Beatha ann an Saoghal a’ Chiùil deasaich

Thug e a’ chiad cheum aige ann an Saoghal a’ Chiùil ann an 1990 leis a’ chòmhlan-chiùil Regreso a las minas, (Spàinntis: Tilleadh dha na Mhèinean) le Julián Ruiz na riochdaire. An uair sin dh’fhoillsich e dà dhiosg na aonar, is iad Sólo para locos (Airson daoine craicte a-mhàin) ann an 1993 agus Sólo para niños (Airson clann a-mhàin) ann an 1995. Chlàraich e an treas diosg aige, Cocinero ann an 1998, ach cha robh an diosg sin ga reic nuair a rinn e e, is cha do deach òrain a’ phròiseact sin fhoillseachadh. Bha e aig obair còmhla ris a’ chompanaidh ciùil Warner Music aig an àm sin.

Dh’fhàs e gu math ainmeil air feadh na dùthcha nuair a rinn e caractar air prògram Deireadh na Bliadhna air Telebhisean Chatalòinia (Catalanais: Televisió de Catalunya), a dhèanadh dreachan pearsanta dhe seann òrain Spàinnteach. Mar sin thoisich am pròiseact ris an canar El chaval de la peca (Spàinntis: Balach a’ Buill-dòrain), agus dh’fhoillsich e a’ chiad dhiosg aige fon ainm sin ann an 1998.

Bha a’ chiad òran singilte aige, deach ùr dhen òran "Libre" (Saor) a rinn Nino Bravo o shean, uabhasach soirbheachail. ‘S e òran mòr-chòrdte an t-Samhraidh a bh’ ann is chleachd an companaidh fònaichean-làimhe Amena e nuair e thoisich iad an gnothach. Rinn òran neo dhà eile aig an alter ego sin anns na charts, agus dh’fhoillsich e 3 diosgaichean fon ainm sin, gus a cho-dhùin Marc a chur às a’ charactar ann an 1999. Rinn e cuirm-chiùil mar shòraidh slàn is thuirt e gun do dh’fhalbh e gu Miami airson a bhith a’ leantainn mar Mharc Parrot. Mar a thuirt e dha na meadhanan:

Nise, tha e air a bhith mar gum falbhadh fìor dheagh charaid bhon a chuir mi gu cùl ris. ‘S e caractar gu math èibhinn a bh’ ann is fhuair sinn mòran fhealla-dhà còmhla. Ach, ge-tà, chaidh e air falbh gus àite a leigeil airson luchd-ciùil eile mar mise fhìn cuideachd, leis cho deònach ’s a bha sinn. Bha esan anns gach uile àite. [1]

Ann an 2001 chuir Marc Parrot diosg ùr air dòigh leis an airgead a fhuair e bhon Chaval de la Peca. ’S e Rompecabezas (Tòimhseachan) an t-ainm a bh’ air agus bha e na riochdaire còmhla ri Robin Hancock. Aig an aon àm bha e an sàs a’ togail agus a’ cur air bhog an stiùideo aige, air a bheil Grabaciones Silvestres (Clàraidhean na Coilltean). Tha e air a bhith an sàs mar riochdaire is e a’ clàradh diosgaichean na daoine eile bhon àm sin.

Nuair a chaidh an cùmhnant aige le Warner Music gu crìoch, Thagh Marc an companaidh neo-eisimeileach PIAS, far an do chlàraich e an diosg Dos maletas (Dà mhàileid) ann an 2002. An ceann greiseag dh’fhoillsich e dà dhiosg ann an Catalanais, Mentider (Breugadair) ann an 2005 agus Interfèrencia (Riasladh) ann an 2007. Tha e dìreach air diosg ùr dà-chànanach, Avions (Pleànaichean), a dh'fhoillseachadh ann an 2009. Nochd an t-òran ainmeil Ulleres per veure-hi malament (Speuclairean son ga fhaicinn gu dona) air a' chlàr sin. Thoir e a’ mhòr-chuid dhe na cuirm-chiùil agus tursan aige ann an Catalòinia fhèin a-nis. Tha e ag obair fhathast mar cheòladair, sgrìobhaiche òrain agus riochdaire ciùil.

Diosgaichean deasaich

Fon ainm Regreso a las minas deasaich

  • Regreso a las minas (ann an Spàinntis) (1990)

Fon ainm Marc Parrot deasaich

  • Sólo para locos (1993) (ann an Spàinntis) le Warner Music
  • Sólo para niños'(1995) le Warner Music
  • Cocinero' (airson a bhith ga fhoillseachadh ann an 1998, ach chuir soirbheachas El Chaval de la Peca dàil air) (ann an Spàinntis)
  • Rompecabezas (2001) (ann an Spàinntis) le Warner Music
  • Dos maletas (2004) (ann an Spàinntis) le PIAS
  • Mentider (2005) (a’ chiad dhiosg aige sa chatalanais) le PIAS
  • Interferència (2007) (an darna diosg aige sa chatalanais) le PIAS
  • Avions (2009) (diosg dà-chànanach Spàinntis-Catalanais) le PIAS

Fon ainm El Chaval de la Peca deasaich

  • Artista Internacional (1999) le Warner Music
  • Grandes éxitos (1999) le Warner Music
  • In person (1999) le Warner Music

Rud neo dhà inntinneach deasaich

  • Tha stiùideo ciùil aig Marc Parrot fhèin, Grabaciones Silvestres, ann am baile beag ris an canar Sant Quirze Safaja ann an sgìre Barcelona.
  • Tha Marc Perrot air iomadh phìos chiùil a sgrìobhadh airson prògraman telebhisein, (mar eisimpleir Malalts de tele neo Club Super 3), tòrr dhaibh air TV3 ann an Catalonia. A-nis, tha e cuideachd na chraoladair air a' phrògram ciùil Casal Rock[2] air an telebhisean ann an Catalòinia.

Iomraidhean deasaich

  1. El Mundo, 6 an t-Iuchar 2001 (Spàinntis)
  2. Casal Rock, TV-3 (Catalanais)

Ceanglaichean A-mach deasaich