Marșenița
Marșenița Маршинці | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | An Ucràin |
Sgìre | Chernivetska Oblast |
Co-chomharran | 48° 12 36' Tuath 26° 18 48' Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 5,353 (2021) |
Àireamh fòn | +380 3733 |
'S e baile beag, far a bheil Romàinis ga bruidhinn, air an àirde an iar na h-Ucràine a th' ann am Marșenița (Ucràinis: Маршинці). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Prut, dìreach 4km air falbh bho na crìochan le Romàinia, san roinn Chernivetska Oblast agus tha 5,353 duine a' fuireach ann.
Eachdraidh
deasaichChaidh Marșenița a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1611. Chaidh eaglais fhiodha a thogail an seo ann an 1710, a chaidh ath-thogail 1887 ann am breigichean dearga, agus tha i na carragh sònraichte de dh' ailtireachd chràbhach, an aon eisimpleir ann am Bukovina a Tuath agus Bessarabia a Tuath. Bhuinneadh am baile do Shluagh-phoblachd na h-Ucràine an Iar bhon t-Samhain 1918 gu ruige A' Cèitein 1919. Ann an 1991, thàinig Marșenița gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine. Bha Marșenița na phàirt Novoselytskiy Raoin(Ucràinis: Новоселицький район) gu ruige 2018.[1]
Eòlas-sluaigh
deasaichA rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Romàinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann am Marșenița a' bruidhinn (93.65%), ged a tha mion-chuid ann le Ucràinis cuideachd (5.1%) agus Ruisis (1.21%).[2]
Daoine Ainmeil
deasaich- Teodor Bordeianu (1902 - 1969): Innleadair.
- Sofia Rotaru (1947): Seinneadair.[3]
- Lilia Sandulesu (1958): Seinneadair.