MacBheatha na h-Alba
B' e MacBheatha mac Fhionnlaigh (Beurla: Macbeth, 1005–1057) Àrd Rìgh na h-Alba bho'n 14 den Lùnastal 1040 chun an 15 den Lùnastal 1057. Tha 'Mac Bethad' ann an Sean Ghaeilge a' ciallachadh 'Mac a Bheatha' le ciall rudeigin coltach ri 'Fear a Choisrig.'
MacBheatha na h-Alba | |||||
---|---|---|---|---|---|
1032 - 1057 ← Gille Comhghain Mhoireibh - Lughlagh mac Gille Chomghain →
1040 - 1057 ← Donnchadh I na h-Alba - Lughlagh mac Gille Chomghain → | |||||
Beatha | |||||
Breith | 1005 | ||||
Dùthaich | Rìoghachd na h-Alba | ||||
Bàs | Lann Fhìonain, 15 dhen Lùnastal 1057 | ||||
Àite-adhlacaidh | Ì Chaluim Chille | ||||
Nàdar a’ bhàis | (killed in action (en) ) | ||||
Teaghlach | |||||
Athair | Fionnlagh Mac Ruairidh | ||||
Màthair | Donalda of Alba | ||||
Cèile | Gruoch na h-Alba (1032 (Gregorian) - | ||||
Fine | House of Moray (en) | ||||
Dreuchd | |||||
Dreuchd | rìgh |
'Se mac Fionnlagh (Findláech mac Ruaidrí), Rìgh Moireibh, a bh' ann an MacBheatha agus 'se Rìgh Maol Chaluim II an seanair aige. Oir gun phòs Fionnlagh nighean Mhaoil Chaluim (Dabhdha no gu tric 'sa Laideann 'Dovda') thionndaidh a theaghlach fhèin na aghaidh agus mu dheireadh mharbh na mhic-bhràthair aige; Gilla Coemhgáin agus Maol Chaluim.
Bhàsaich Maol Chalum ann an 1029 agus sheas Gilla Coemgáin mar Rìgh as a dheidh. Bhàsaich easan eadar 1031 agus 1032 a' sabaid an aghaidh Àrd Rìgh Maol Chaluim II. An deidh seo lean MacBheatha a cho-ogha mar Rìgh Mhoireibh agus phòs e banntrach Gilla Coemgáin, a Bhana-phrionnsa Gruoch, agus i fhèin na ogha Àrd Rìgh Coinneach III. Bha mac aig Gruoch bhon a chiad duine aice, Lulach, agus sheas MacBheatha mar leas-athair ris.
Tha an Asgair Shasannach ag innis dhuinn gur e MacBheatha aon de trì rìghrean Albannach a ghèill ri cumhachd Cnud Mhòr ( gu tric "Cnut" no "Canute"), Rìgh nan Lochlannaich agus Rìgh Shasainn, an Danmhairg agus an Nirribhidh, anns a bhliadhna 1031.
Aig an àm seo cha robh riaghaltas cumhachdach no aonta ceart ann an Alba eadar na h-Uaislean agus Rìghrean. 'Se 'Mormaer' an t-ainm a bh' air na Rìghrean beag fo'n Àrd Rìgh.
Bha Maol-Chaluim II airson an ogha aige, Donnchadh, mac a nighean Beathag (Bethoc), a bha air pòsadh Crinan, Mormhaor agus Aba Dùn Chailleann, seasamh mar Àrd Rìgh as a dhèidh. Tha e coltach gu robh seo is coireach gur e Beathag an nighean a b' fheàrr leis air a no airson adhbhar poiliticeach.
Mus do bhàsaich e rinn Maol Chaluim II oidhirp neach sam bith a bha air thoiseach air Donnchadh mar tàinistear a mharbhadh. Cha d'fhuair gin air falbh ach Lulach - aig an t-àm na leanabh òg agus le feadhainn ag ràdh (gu fìrinneach) gun robh e na ghloic. Chuidich dìon MacBheatha agus chuidich an inbhe aige fhèin mar an duine aig ogha sean Rìgh agus a mac an dleas aigesan ris an rìgh-chathair. Le bàs Maol-Calum air an 25 den t-Samhain, 1034, ghabh Donnchadh àite mar Àrd Rìgh.
Airson fiadhachadh an aghaidh Donnchadh thoisich MacBheatha càirdeas le Thorfinn, Iarla Arcaibh, co-ogha ris fhèin agus Donnchadh agus ogha Maol-Chaluim II tron an nighean as òige aige. Chaidh an dithis aca a chogadh an aghaidh Donnchadh agus bhàsaich e am blàr faisg air Eilginn air an 14 den Lùnastal, 1040.
'Se Rìgh làidir a bh' ann an MacBheatha agus e a riaghladh tarsainn air Rìoghachd sheasmhach gu leòr airson dha mìosan a chuir seachad a dhol gu taisgealachd san Ròimh. Sgrìobh e laghan ùr airson Alba agus 'se àm piseach a bh' ann.
An 1054 thoisich Maol-Chaluim Chean-Mhòr, mac Donnchadh, ag iomairt airson greim fhaighean air an rìgh-chathair le cuideachadh bho Siward, Iarla Northumbria, le smachd fhaighean air taobh a deas Alba. Bhàsaich MacBheatha a' sabaid saighdearan Maol-Chaluim aig blàr faisg air Lann Fhìonain agus an dèidh sin chaidh an rìgh-chathair gu Lulach san Lùnastal, 1057.
Tha MacBheatha air a thìodhlaiceadh air Eilean Ì, an eilean tradaiseanta airson uaighean na Àrd-rìghrean aig nan Gàidheil agus nan Cruithnich agus an t-eilean is coisrigte anns an dùthaich.