Mìle Dorcha
Se am Mìle Dorcha earrann ghoirid an rathaid eadar Na Cluainean, taobh Loch Lochaidh agus Eas Chia-aig, taobh Loch Arcaig ann an Loch Abar. Gheibhear am buadhair dorcha air sgàth an t-seallaidh coillteach is còinneachail.
Is ann faisg air seo a bha Dòmhnall Camshron às na Cluainean am falach as dhèidh Blàr Chùil Lodair, agus fhuair Prionnsa Teàrlach Stiùbhart fasgadh leis an sin airson treis.
Tha an Abhainn Chia-aig a' sruthadh tro Ghleann Cia-aig gu Eas Chia-aig. O chionn fhada, bha dragh air na Camshronaich air sgàth galair neònaich a bh' air an sprèidh aca. A-rèir fiosaiche, se cailleach a bha a' fuireach faisg air Loch Arcaig a bha ag aobharachadh a' ghalair le bhith cur buidseachd orra. Chaidh na fir-chinnidh don bhothan aice ach cha robh sgeul air ach cat. Dh'fheuch an cat a theicheadh ach stob aon duine e leis a' bhiodag aige. Lean iad slighe na fala gus an d' fhuair iad an cat na laighe ri taobh an eas. Bha iad an impis a mharbhadh gu tur nuair a leum an cat a-steach don eas, ag atharrachadh air ais gu cailleach. Thilg iad clachan oirre gus an deach a bàthadh, agus an dèidh sin, stad galar na sprèidhe.