B’ e sgrìobhadair, neach-aithris agus craoladair Gàidhlig a bha ann an Màrtainn Dòmhnallach (1937–2016). Thogadh e ann am baile-beag Achadh a' Choirce air iomall Port Rìgh san Eilean Sgitheanach. Bha cuilbh aige fad iomadh bliadhna sa Phàipear Bheag, sa P&J agus anns an iris North 7.

Màrtainn Dòmhnallach
Beatha
Breith Achadh a' Choirce, 1937
Dùthaich  Alba
Bàs 2 dhen Ghearran 2016
Foghlam
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd neach-naidheachd, riochdaire rèidio, stiùiriche telebhisein agus sgrìobhadair

Thòisich e obair fear-naidheachd còmhla ris an Inverness Courier agus Oban Times, mus deach e gu roinn na Gàidhlig aig a’ BhBC ann an 1965. An uair sin bha e ’na fhear-deasachaidh naidheachd air a’ phrògram Northbeat, agus ’na fhear-naidheachd na h-Albann aig a’ BhBC aig Westminster nuair a thòisich craoladh Phàrlamaid sna 1970an. Fhuair e am Barron Trophy ann an 2004 airson a obair mar fhear-naidheachd.

Sgrìobh e an leabhar, “Skye Camanachd – A Century Remembered”, eachdraidh na camanachd anns an Eilean Sgitheanach.

Bhàsaich e aig a dhachaigh ann an Inbhir Nis, aois, 78, aig toiseach a’ Ghearrain 2016.

Ceanglaichean a-mach

deasaich