Lugo
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Lugo
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 9,856 km²
Àireamh-shluaigh 351,530 (2014)
Dlùths 35.67/km²
Àireamh fòn + (982)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e provincia na Spàinne a tha ann an Lugo (IPA: luɣo). Tha e na laighe anns A' Ghàilis, air an àirde an iar-thuath na dùthcha. 'S e Lugo a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghlaidh ionadail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh na Gàilise i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Lugo fad 9,856km²[3] agus tha 351,530 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 25mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 38mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Astùrias, A Coruña, León, Ourense agus Pontevedra.[5] 'S e Gailisis agus Spàinntis a tha gam bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm

deasaich

Tha e coltach gur ann à Lucus Augusti ann an Laideann a tha an t-ainm - tha lucas a' ciallachadh coille naomh.[6] A dh'aindeoin sin, tha cuid ag ràdh gur ann à ainm an Dheth Ceilteach Lugh a tha e.[7] Mar a b’ àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.

Bailtean

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  2. Constitución Española de 1978
  3. Infoalso
  4. Classora
  5. Instituto Geográfico Nacional
  6. A Xunta
  7. Perseus