Luís Vaz de Camões
B’ e Luís Vaz de Camões neo Camoens (IPA: luˈiʒ ˈvaʒ dɨ kaˈmõjʃ, Mu 1524–Lisbon, 10 an t-Ògmhios 1580), sgrìobhadair agus bàrd às A' Phortagail.[1] Thathar dhen bheachd gur e am Bàrd na b' fheàrr a sgrìobhadh a-riamh sa Phortagailis a bh’ ann Camões; Sgrìobh e rud neo dhà san Spàinntis cuideachd. Thathar ag ràdh gur e athair a' Phortagailis a th’ ann Camões leis cho ealanta 's a tha a chuid Dhàn Mhòir, air a bheil Os Lusíadas. Tha e cho ainmeil anns A' Phortagail ri Cervantes san Spàinn neo William Shakespeare ann an Sasainn.
Luís Vaz de Camões | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Lisbon, dhen Dùbhlachd 1524 |
Dùthaich | Rìoghachd na Portagaile |
Bàs | Lisbon, 10 dhen Ògmhios 1580 |
Àite-adhlacaidh | Manachainn Jerónimos |
Teaghlach | |
Athair | Simão Vaz de Camões |
Màthair | Ana de Sá de Macedo |
Sinnsirean |
liosta
|
Fine | Camões family (en) |
Foghlam | |
Foghlam | Oilthigh Coimbra |
Cànain |
Spàinntis Portagailis Laideann |
Dreuchd | |
Dreuchd | bàrd, sgrìobhaiche-dràma, sgrìobhadair agus luchd an airm |
Obraichean comharraichte | Os Lusíadas (en) |
Buaidh | Dante Alighieri, Virgil, Petrarch (en) , Ludovico Ariosto (mul) agus Homer |
Creideamh | |
Creideamh | Caitligeachd |
IMDb | nm0891407 |
Beatha
deasaichChan eil tòrr fhiosrachaidh againn mu dheidhinn a bheatha ach stòraidhean gun chinnte. Tha e coltach gun do rugadh e ann an Alenquer, Coimbra neo Lisbon mu 1524, ach s’ dòcha gun do bhuineadh e do theaghlach à Chaves ann an ceann a tuath na dùthcha. Tha fheadhainn a’ creidsinn gur b’ e Simão Vaz de Camões agus Anna de Sá e Macedo a phàrantan. Le sin, bhiodh càirdeas a bhith ann taobh athair leis a’ Bhàrd Vasco Pires de Camões às A’ Ghàilis agus taobh a mhàthair leis a’ Mharaiche ainmeil Vasco da Gama.[2] Chaochail athair Chamões thall thairis ann an Goa.
Bha Camões fhèin a’ fuireach uaireigin ann an Coimbra far am biodh e na oileanach nan Daonnachdan, s’ dòcha aig Manachainn Shanta Cruz, leis gu robh bràthair-athar na mhanach an sin. A dh’aindeoin gu bheil sgrìobhainnean ann mu dheidhinn an fhir sin, air an robh Bento de Camões, chan eil dearbhadh ann a sheallas gu robh am Bàrd fhèin idir ann co-dhiù. Ach, tha e cinnteach gun d’fhuair e deagh oideachaidh ann an àite air choireigin, leis cho ealanta, foghlaimte ‘s a bha na rudan a sgrìobh e.
Bha e an sàs san Arm is e na shaighdear, is fiù 's chaill e sùil ann an cath an aghaidh nan Arabach, ann an Ceuta, sa bhliadhna 1549.[1] Thill e gu Lisbon ann an 1551, far a leanadh e beatha gu math drùiseil. Bha iomadh leannanan aige, chan eil dìreach eadar na ban-uachdarain, ach fiù 's leis a’ Bhan-phrionnsa Maria, piuthar an Rìgh Manuel I fhèin. Ann an 1553, an dèidh a bhith sa phrìosan air sàilleabh tuasaid air choireigin còmhla ri Gonçalo Borges, b’ fheudar dha a dhol chun Na h-Innseachan, an dèidh leth bhliadhna a chur seachad air an dùthaich. Tha sgrìobhainnean ann a dhearbhaidh sin. Chaidh e gu Goa agus tha e coltach gun do sgrìobh e a’ mhòr-chuid dhen obair aige an siud. Bha e ann an trioblaid an siud cuideachd air sàilleabh nach do phàigh e a chuid iadsan.[3] Fhuair e dreuchd mar shagart ann am Macau far an do chuir e crìoch air na Lusíadas.
Thill e dhachaidh, ach chaidh an soitheach aige a chall far a chosta Mhòsaimbic, is b’ fheudar dha fhuireach an siud. 'S e a charaid Diogo do Couto a lorg ann am Mòsaimbic e, is sgrìobh esan gun robh am bàrd ann am fìor dhroch stàit: "cho bochd gun tigeadh e beò air saothair a chuid charaidean". Phàigh Diogo do Couto cosgaisean turas a’ Bhàird air ais gu Lisbon, far a ràinig Camões mu dheireadh thall, ann an 1569.
Ged an robh e bochd agus tinn, chaidh aige air Os Lusíadas fhoillseachadh ann an 1572, le cuideachadh bho na càirdean aige a bha dlùth air an Rìgh Sebastião I.[1] Ach tha foillseachadh Os Lusíadas gu math dìomhair – Nochd dà eagran san aon bliadhna agus chan eil fios ann cò a’ chiad fhear. Thug an Rìgh peinnsean beag dha airson na rinn dhan dhùthaich nuair a bha e thall thairis, ach ràinigeadh an t-airgead gu fadalach a-riamh agus cha do shàbhalaich sin am bàrd bhon a’ bhochdainn.[2]
Taobh a chuid obrach liriceach, ghoideadh an leabhar Bàrdachd a sgrìobh e. Le sin, chaidh a chuid obrach liriceach fhoillseachadh an dèidh a bhàis, is chan eil e idir cinnteach dìreach cò a th’ ann an fheadhainn air an sgrìobhadh leis a’ Bhàrd. Tha diofar dreachan a chuid obrach liriceach ann, ach chan eil e idir cinnteach gur b’ esan a sgrìobh a h-uile càil.
Chaochail e air an air 10mh latha dhen Ògmhios 1580 leis a’ Phlàigh[1] is ‘s e caraid air choireigin a phàigh airson ga thìodhlacadh. Chaidh an tuama aige, faisg air an taigh chailleachan-dubha Shanta Anna ann an Lisbon, air a chall gu tùr san Chrith-thalmhainn 1755, is le sin chan eil fios aig duine sam bith far a bheil a chuid iarsmaidh. A bharrachd air sin, tha dà thuama oifigeil ann, fear sa Mhanachainn Jerónimos agus fear eile sa Charragh-chuimhne Nàiseanta (Panteó Nacional), ann an Lisbon.
Thathar dhen bheachd gur b’ e Camões am bàrd na b’fheàrr a-riamh a sgrìobhadh ann am Portagailis, is a chuid obrach leth shlighe eadar Clasaigeas (Classicismo) agus modhalas (Maneirismo). Ann am Bàrdachd neo dhà agus tro chleachdadh nam paradocsaichean, mar eisimpleir Amor é fogo (Gaol na theine), chithear freumhan an stoidhle bharròc.[3] ‘S e an Duais Luís de Camões (Premio Luís de Camões) am duais litreachail as cudromaiche san Phortagailis an latha an diugh. Chaidh e a stèidheachadh le Riaghaltasan na Portagail agus Braisil ann an 1988.[4]
Bàrdachd
deasaichDàn Mòr
deasaichBàrdachd Liriceach
deasaich- 1595 - Amor é fogo que arde sem se ver (Gaol na theine a’ losgadh gu neo-fhaicsinneach)
- 1595 - Verdes são os campos (Achaidhean a tha uaine)
- 1595 - Que me quereis, perpétuas saudades? (Dè a thogras sibh dhomh, cianalas neo-bhuan?)
- 1595 - Sôbolos rios que vão (Taobh nan aibhnichean gan sruthadh)
Dràma
deasaich- 1587 - El-Rei Seleuco (An Rìgh Seleucus)
- 1587 - Auto de Filodemo (Cùis-lagha Fhilodemo)
- 1587 – Anfitriões (Daoine òlach)
Ceanglaichean a-mach
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 1.2 1.3 Queiroz, Mirna: “luís vaz de camões”. Vidas Lusofonas. Air a thasglannadh [o http://vidaslusofonas.pt/biografia.php?id=3j0AxREBDF9] 21mh dhen Ghearran 2017. Air a thogail 10mh dhen Ògmhios 2018.
- ↑ 2.0 2.1 Ford, Jeremiah (1908): “Luis Vaz de Camões”, The Catholic Encyclopedia. New York: Robert Appleton Company. Air a thogail 10mh dhen Ògmhios 2018.
- ↑ 3.0 3.1 “Biografia de Luis Vaz de Camões”. Biografías y Vidas. Air a thogail 10mh dhen Ògmhios 2018.
- ↑ “Camões Prize for Literature”. Leabharlann Nàiseanta Bhraisil. Air a thogail 10mh dhen Ògmhios 2018.
- ↑ “The Lusiads”. World Digital Library. Air a thogail 1d dhen t-Sultain 2013.