Co-chomharran: 57°16′52″N 4°55′22″W / 57.281111°N 4.922778°W / 57.281111; -4.922778

'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Beinn a' Mheadhoin no Loch Beinn a' Mheadhain [1] (Beurla: Beinnavian neo Beneveian). Tha e suidhichte air a' Ghàidhealtachd ann an Gleann Afraic. Tha e mu 8 cilemeatairean san iar dheas air Canaich agus chan fhaighear an seo ach air slighe bhig.

Loch Beinn a' Mheadhoin
Dama an locha
Suidheachadh
Suidheachadh
Loch Beinn a' Mheadhoin
Suidheachadh Loch Beinn a' Mheadhoin air a' Ghàidhealtachd

Tha an loch mu 8.3 cilemeatairean a dh'fhad agus mu 600 meatair a leud. Bha an loch tùsail na bu lugha na sin. Ach leis a' phròiseact "Neart nan Gleann" chaidh dama a thogail agus dh'fhàs an loch na bu mhotha an uair sin. Tha an dama glè bheag, mar sin chan eil e cho faicsinneach bhon astar agus chan eil e a' milleadh an àrainneachd gu mòr. Tha Loch Beinn a' Mheadhoin na phàirt den Affric-Beauly hydro-electric power schemes.

Thèid an loch a lìonadh bho struth uisge san iar à Loch Afraig. Cuideachd tha pìob ann fo thalamh bho Loch Mullardoch a tha na laighe nas àirde na Loch Beinn a' Mheadhoin. Thèid struth an uisge anns a' phìob seo a chleachdadh gus dealan-uisge a chruthachadh. Sruthaidh an t-uisge a-mach à Loch Beinn a' Mheadhoin chun an ear gu Abhainn Beauly agus air an dàrna làimh tro phìob-uisge gu stèisean-cumhachd dealan-uisgeach ann an Fas na Coille faisg air Canaich.

Iomraidhean

deasaich
  1. Am Faclair Beag[dead link]

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: