Loch Dabhach a' Phùir
Co-chomharran: 57°25′10″N 4°19′20″W / 57.419444°N 4.322222°W
'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Dabhach a' Phùir.[1] Tha e suidhichte air a' Ghàidhealtachd mu 7 cilemeatair san iar-dheas air Inbhir Nis. Tha Loch Nis faisg air, dìreach mu 500 meatair san ear-thuath anns a' Ghleann Mhòr.
Tha an loch mu 1.6 cilemeatairean a dh'fhad agus mu 350 meatair a leud aig an àite as leathainne. Thèid an loch a lìonadh san iar-dheas leis an Abhainn Nis a bhios a' sruthadh a-mach às an loch san ear-thuath.
Tha Loch Dabhach a' Phùir na phàirt dhen Canàl Cailleanach. Nuair a chaidh an Canàl Cailleanach a thogail, dh'àrdaich bàrr uisge an locha mu 3 meatair, tha e a-nis mu 16 meatair (51 troigh) os cionn na mara.[2] Tha e mu 50 troigh aig an àite as doimhne.[3]
Tha an rathad A82 a' dol seachad air bruach tuathail an locha, mar sin tha e furasta ri ruigsinn. Tha Taigh Dabhach a' Phùir, togalach às an 18mh linn, suidhichte air bruach an locha.[4] Tha na gàrraidhean aige tarraingeach don luchd-turais.
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Dochfour/Dabhach a' Phùir”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 26mh dhen Ghiblean 2019.
- ↑ Duilleag Loch Nis (Beurla)
- ↑ Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Ness Basin"[dead link], td 383, Iom-leabhar II, Pàirt I. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.
- ↑ “Dochfour House”. Canmore. Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 26mh dhen Ghiblean 2019.
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Mapa an locha Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland (1910). Tha Loch Dochfour air an làimh dheas.