Co-chomharran: 57°12′47″N 5°57′26″W / 57.213000°N 5.957300°W / 57.213000; -5.957300

'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Cill Chriosd.[1] Tha e suidhichte anns an Eilean Sgitheanach faisg air an rathaid B8083 a leanas bhon Àth Leathann gu Cille Bhrìghde is Ealaghol.

Sealladh air Loch Cill Chriosd
Suidheachadh
Suidheachadh
Loch Cill Chriosd
Suidheachadh Loch Cill Chriosd anns an Eilean Sgitheanach

Tha an loch seo cho mòr ri 20.8 ha (51.4 acair). 'S e 2.9 km (1.8 mìle) an cuairt-thomhas aige agus tha e mu 958 m a dh'fhad san àite as dìriche.[1] Chan eil eilean anns an loch seo. Tha bàrr uisge an locha mu 24 m (79 troigh) os cionn na mara agus tha e mu 3.1 km (2 mhìle) air falbh bhon mhuir. Thèid a lìonadh le Allt Coire Forsaidh agus tha an t-uisge a' struthadh às an loch chun an ear-thuath tro Abhainn an Ath-Leathainn.

Aig ceann an ear-tuath na locha tha tobhtaichean den seann eaglais ann. Tha cuid taighean faisg air Loch Cill Chriosd air an taobh eile dhen rathaid. Tha Beinn Dearg Bheag san iar-thuath air cùl na locha.

Iomraidhean

deasaich
  1. 1.0 1.1 Fiosrachadh aig British Lakes[dead link]

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG611205

Dealbhan

deasaich