Co-chomharran: 57°15′14″N 5°03′23″E / 57.253963°N --5.056508°E / 57.253963; --5.056508

'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Afraig [1] neo Loch Afraic[2] (Beurla: Loch Affric). Tha e suidhichte air a' Ghàidhealtachd ann an Gleann Afraig. Tha e mu 16 cilemeatairean san iar dheas air Canaich agus chan fhaighear an seo ach air slighe bhig.

Loch Afraig
Suidheachadh
Suidheachadh
Loch Afraig
Suidheachadh Loch Afraig air a' Ghàidhealtachd

Tha an loch mu 5 cilemeatairean (3.1 mìle) a dh'fhad agus mu 500 meatair a leud. Mar sin tha cruth an locha a' sealltainn gun deach an loch a chruthachadh le eigh-shruth anns an linn-deighe. Tha e cho mòr ri 12.13 km² le 6.06 km³ de thomhas-lìonaidh uisge. 'S e 29 meatair (94 troigh) am meadhan doimhneachd aige le 67.4 meatair (221.1 troigh) aig an àite as doimhne. Tha bàrr uisge an locha mu 235 meatair (771 troigh) os cionn na mara. Thèid an t-uisge a-steach bho Abhainn Afraig san iar agus sruthaidh an t-uisge a-mach à Loch Afraig chun an ear gu Loch Beinn a' Mheadhoin.

Tha tòrr bheanntan timcheall air an loch, tha Sgùrr na Lapaich (1074 m) agus an Tudair (1036 m) san àird a tuath, agus sa deas tha Aonach Shasuinn (888 m) is Càrn a' Choire Ghairbh (865 m).

Iomraidhean

deasaich
  1. Ainmean-àite na h-Alba
  2. Stòr-dàta Briathrachais

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: