Lisa Storey
'S e tidsear, sgrìobhadair, foillsichear agus neach-iomairt a th' ann an Lisa Storey (1935–) [1]
Lisa Storey | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Bhatarsaigh, 1935 |
Dùthaich | Alba |
Foghlam | |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | neach-teagaisg, sgrìobhadair agus obraiche-raoine |
Fastaichean | Sgoil Eòlais na h-Alba |
Rugadh agus thogadh i ann am Bhatarsaigh leis an sloinneadh Lisy Dhonnchaidh Mhòir.[1]
Rinn i iomadh seòrsa obair ann an saoghal na Gàidhlig thar nam bliadhnaichean, eadar foillseachadh, teagasg agus strì airson còraichean luchd na Gàidhlig.[2] Chruinnich i beul-aithris ann am Bhatarsaigh às leth Sgoil Eòlais na h-Alba.[1] Bha i ag obair na tidsear ann an Sgoil a' Mheadhain (Central Primary School) ann an Inbhir Nis nuair a thòisich foghlum tro mheadhan na Gàidhlig ann an 1985.[1]
gaidhlig.tv
deasaichTron iomairt gaidhlig.tv, còmhla ri feadhainn leithid Aonghas Dubh MacNeacail, Robbie MacLeòid, Ishi NicIlleathain agus Aonghas Pàdraig Caimbeul, rinn i strì airson barrachd Gàidhlig ann am meadhanan Gàidhlig an latha an-diugh. Ann an 2016, thuirt i ann an litir gu Cathraiche MG ALBA, Magaidh Choineagain "Gabhaidh Gàidhlig a thoirt air adhart air BBC Alba, agus toisichidh sinn le fo-thiotalan Beurla loisgte a bhith air falbh, agus fo-thiotalan Beurla, ma dh'fheumas iad a bhith ann, a bhith falaichte. ’S e fo-thiotalan falaichte a tha an rannsachadh as fheàrr a’ moladh. ’S e sin a tha ceart do na Gàidheil cuideachd."[3]
CLÀR agus foillsichearan eile
deasaichEadar 1996-2021, bha Lisa Storey a' stiùireadh CLÀR: dh'fhoillsich an companaidh faisg air 80 leabhar (agus 60 boireannach) nuair a bha i ann.[4] Tha Lisa a-nis air falbh bho Chlàr, ach tha i fhathast an-sàs ann an Clò Phabaigh agus Leabhraichean Beaga.
Foillseachaidhean
deasaichLeabhraichean do dh'inbhich
deasaich- 2023. Bhatarsaigh agus na Raiders (Inbhir Nis: Clò Phabaigh) ISBN 978-18384484-1-7
- 2014. D.M.N.C. - Sgrìobhaidhean Dhòmhnaill Mac na Ceàrdaich (Inbhir Nis: CLÀR) ISBN 978-19009017-8-9
- 2007. Muinntir Mhiughalaigh (Inbhir Nis: CLÀR) ISBN 978-1-900901-14-7
Leabhraichean cloinne
deasaich- 1975. Bha Siod ann Reimhid. (Inbhir Nis: Club Leabhar) ISBN 902706 33 03
- Taghadh de sgeulachdan o bheul-aithris air an cruinneachadh agus an deasachadh le Lisa Storey.
- 1997. Am Peata Bàn. deas. le Catrìona Mhoireach & Lisa Storey (Inbhir Nis: Clàr) ISBN 1 900901 02 1
- 1983. Beagan Spòrs. deas. le Gwen Mulholland agus Lisa Storey (Inbhir Nis: Leabhraichean Beaga) ISBN 0 946427 02 X
- Leabhar làn gheamannan mar tòimhseachain-tarsainn, ioma-shlighean, ceistean, lìon na beàrnan agus anagram
- 1999. Beileag agus an Uilebheist. (Inbhir Nis: Leabhraichean Beaga) ISBN 0 946427 29 1
- Sgeulachd
- 2000. An Iteileag aig Calum agus Mòrag. (Inbhir Nis: Leabhraichean Beaga) ISBN 0 946427 31 3
- Sgeulachd
- 2002. Calum agus Mòrag air chuairt sa Choille (Inbhir Nis: Leabhraichean Beaga) ISBN 0 946427 32 1
- Sgeulachd
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 1.2 1.3 Lisa Storey air làrach Tobar an Dualchais. Leughte 25 Iuchar 2011
- ↑ Storey, Liza. "Ùghdaran Bhatarsaigh agus na Raiders". Bhatarsaigh. Retrieved December 14, 2022.
- ↑ Storey, Liza. "Litir gu MG ALBA". gaidhlig.tv. Retrieved December 14, 2022.
- ↑ Lisa Storey agus Catriona Mhoireach (2021): Na Leabhraichean Gàidhlig - 25 Bliadhna: CLÀR - 25 years of Gaelic publishing. CLÀR, td. 5. ISBN 978-1838233709.
Ceanglaichean a-muigh
deasaich- Lisa Storey air làrach Tobar an Dualchais
- Bhatarsaigh agus na Raiders làrach Clò Phabaigh ceangailte ri eilean Bhatarsaigh
- Leabhraichean Clàr 1996-2021 fiosrachadh mun iomairt-foillseachaidh CLÀR