Lauenburg
Loonborg
Lauenburg Elbe Wappen.png
Gearradh-arm
no Seula
LauenburgElbe.jpg
Lauenburg-Elbe in RZ.svg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Germany.svg A' Ghearmailt
Ceàrn Wappen Herzogtum Lauenburg alt.svg Herzogtum Lauenburg
Sgìre Coat of arms of Schleswig-Holstein.svg Schleswig-Holstein
Co-chomharran 53° 22' 18' Tuath
10° 33' 21' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 9.54 km²
Àireamh-shluaigh 21,481 (2013)
Dlùths 2,251.68/km²
Àireamh fòn 04153
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

‘S e baile meadhanach ann an ceann a tuath na Gearmailt a th’ ann an Lauenburg neo Lauenburg an der Elbe (plattdüütsch: Loonborg). 'S ann à Lave (Elbe) ann an Slàbhais agus burg (dùn) anns a’ Ghearmailtis a tha an t-ainm. Tha e suidhichte aig 49m os cionn ìre na mara ti taobh na h-Aibne Elbe agus dà chanal, faisg air crìoch nan Stàite Schleswig-Holstein le Sagsainn Ìosail, 130km air falbh bho Rostock, 214km bho Bherlin, 42km bho Hamburg agus 39km bho Ratzeburg.[1] ‘S ann leis an sgìre Herzogtum Lauenburg a tha am baile agus tha 21,481 duine a' fuireach ann.[2] Tha pàirc nàdarra ainmeil ann cuideachd.[3]

EachdraidhDeasaich

Chaidh am baile a stèidheachdh ann an 1182 le Bernhard von Askanien, sinnsear nan Diùc Lauenburg, a thog caisteal an seo air an robh Lowenborch.[4] Bhuineadh am baile gu Diùcachd Shagsainn-Lauenburg eadar 1296 agus 1876[5] agus b' e prìomh-bhaile na Diùcachd gu ruige 1619, nuair a chaidh am prìomh-bhaile a ghluasad gu Ratzeburg, oir chaidh an t-seann chaisteal a losgadh ann an 1615. Chaidh Lauenburg a thoirt a-steach dhan Phrùis ann an 1876.[6] Eadar 1949 agus 1989, b’ e àite-croisidh air na crìochan eadar am BRD agus an DDR a bh’ ann Lauenburg.[7]

Bailean Co-cheangailteDeasaich

IomraidheanDeasaich

  1. Luftlinie
  2. Statistik Nord
  3. My German City
  4. Live like a German
  5. Kreisarchiv
  6. Like live a German
  7. My German City

Ceanglaichean A-machDeasaich