Is e Lagh na h-Alba an siostam laghail a bhuineas do dh'Alba a-mhàin. Tha e na shiostam laghail co-mheasgaichte le eileamaidean bhon lagh shìobhalta agus bhon lagh chumanta, agus tha e a' freumhachadh ann an àireamh de thùsan eachdraidheil. Tha e air fear de na trì siostaman laghail anns an Rìoghachd Aonaichte aig a bheil grunn eileamaidean an coitcheann a chèile. Gidheadh, tha a thùsan, institiùdan is nomen juris sònraichte aige fhèin.

Eachdraidh

deasaich

Ron 12mh linn, b' e lagh tràth na h-Alba coi-mheasgachadh de na nòsan laghail eadar-dhealaichte aig na grunn fhìneachan a bha a' tàmh san dùthaich. Na Gàidheil anns a' mhòr-chuid den tìr, na Breatannaich agus Angla-Shasannaich ann an cuid de cheàrnaidhean deas air Linne Fhoirthe, agus na Lochlannaich a' còmhnaidh sna h-eileanan agus tuath air Abhainn Òiceall. Bho leudachadh Rìoghachd na h-Alba agus toirt a-steach an rian fhiùdalaich san 12mh linn, stèidhichear freumhan nuadha an lagha Albannaich, agus mean air mhean, chaidh buaidh a thoirt air le nòsan eile, gu h-àraidh nòsan Angla-Normanach is roinn-eòrpach. Ged a bha buaidh neo-dhìreach air lagh na h-Alba aig an lagh Ròmanach, cha robh ann dheth ach fiar-bhuaidh gus timcheall air an 15mh linn. Bhon uair sin, is tric a bhite a' cleachdadh an lagha Ròmanaich gus deasbad sa chùirt, ann an cruth atharraichte, nuair nach biodh riaghailt dhùthchasach Albannach ann gus connspaid a rèiteachadh; air an dòigh sin 's ann a chaidh an lagh Ròmanach a leth-ghabhail a-steach do lagh na h-Alba.

Reachdas

deasaich

Tha lagh na h-Alba ag aithneachadh ceithir tùsan lagha: reachdas, eisimpleir laghail, sgrìobhainnean sgoilearach sònraichte, agus gnàth-chleachdadh. Dh'fhaodadh reachdas a bheir buaidh air Alba a bhith air aontachadh le Pàrlamaid na h-Alba, Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte,Pàrlamaid na h-Eòrpa, agus Comhairle an Aonaidh Eòrpaich. Tha cuid den reachdas a chaidh aontachadh leis an t-seann Phàrlamaid Albannach ro 1707 dligheach fhathast.

Bho Achd an Aonaidh le Sasann 1707, tha reachdadaireachd aig Alba ann an compàirt ri Sasainn agus a' Chuimrigh. Ghlèidh Alba siostam laghail a tha, aig ìre bhunaiteach, eadar-dhealaichte bhon lagh an Sasann, ach leig an t-Aonadh buaidh Shasannach air lagh na h-Alba. Sna beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh, tha buaidh ga thoirt air lagh na h-Alba le lagh na h-Eòrpa fo Chòrdaidhean an Aonaidh Eòrpaich, na feumalachdan aig a' Chunnradh Eòrpach air Còraichean a' Chinne-Daonna (ris an do ghabh buill Chomhairle na h-Eòrpa) agus ath-stèidheachadh Pàrlamaid na h-Alba a bhios ag aontachadh reachdas anns gach raon nach eil glèidhte fo chùram Westminster, mar a th' air a mhìneachadh ann an Achd na h-Alba 1998[1][2]

Alba mar uachdranas laghail fa leth

deasaich

Is e stàit leth-fheadarail a th' anns an Rìoghachd Aonaichte, far am faighear trì uachdranasan laghail: (a) Sasann agus a' Chuimrigh (b) Alba agus (c) Èirinn a Tuath. Tha eadar-dhealachaidhean cudromach ann eadar Lagh na h-Alba, lagh Shasainn agus lagh Èirinn a Tuath ann an raointean leithid lagh an earrais, lagh eucoireach, lagh an urrais, lagh an oighreachaidh, lagh fianais agus lagh an teaghlaich, ged a gheibhear coltasan nas motha far a bheil compàirt nàiseanta ann, leithid an lagha choimhearsalta, còraichean luchd-caitheimh, cìsean, lagh cosnaidh agus riaghailtean slàinte is sàbhailteachd. [3]

Am measg nan caochlaidhean eadar na h-uachdranasan laghail, tha aois na comasachd laghail (16 bliadhna a dh'aois an Alba, 18 bliadhna a dh'aois an Sasann agus sa Chuimrigh), 15 buill den luchd-breith aig deuchainnean eucoireach an Alba (seach 12 bhall den luchd-breith an Sasann agus sa Chuimrigh) a bhios daonnan a' co-dhùnadh le mòr-chuid shìmplidh, a' chion chòir aig an neach fo chasaid ann an deuchainn eucoireach a bhith a' taghadh britheamh, "an treas breith" ris an canar "gun dearbhadh" aig britheamhan is luchd-breith mar roghainn ann an deuchainnean eucoireach, agus lagh na h-Alba a bhith às aonais ceartas mar mheur eadar-dhealaichte a-riamh. [4]

Chan ionnan am briathrachas a th' air a chleachdadh sna h-uachdranasan laghail nas motha. Mar eisimpleir, chan fhaighear Cùirtean Maighstirean-lagha no Cùirt a' Chrùin, ach gheibhear Cùirtean Maoir Cheartais, Cùirtean an t-Siorraim agus Colaiste a' Cheartais. Bidh Seirbheis Procadair a' Chrùin a' lìbhrigeadh seirbheis casaid neo-eisimeileachd a' phobaill do dh'Alba mar a nì Seirbheis Casaid a' Chrùin an Sasann 's sa Chuimrigh, agus Seirbheis Casaid a' Phobaill an Èirinn a Tuath.

Ceanglaichean A-muigh

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Sch. 5 Scotland Act 1998
  2. Devolved and reserved matters explained, Scottish Parliament, Retrieved 2011-10-22
  3. Davidson, p. 56
  4. Stair, vol. 22, para. 399: "Equity in Scots law.