Lafayette, Indiana
Lafayette
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Na Stàitean Aonaichte | ||||
Ceàrn | Indiana | ||||
Sgìre | Tippecanoe | ||||
Co-chomharran | 40° 25 02' Tuath 86° 52 43′ Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 52 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 67,140 (2010) | ||||
Dlùths | 1,291.15/km² | ||||
Àireamh fòn | +01 (765) | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.lafayette.in.us/ |
‘S e baile ann an cridhe nan Stàitean Aonaichte a th’ ann an Lafayette (IPA: ˌlɑːfiːˈɛt). ‘S ann à Marie-Joseph Paul Yves Roch Gilbert du Motier, Marquis de La Fayette a tha an t-ainm, leis gu robh esan na ghasgach ri linn Ar-a-mach nan Aimearaganach aig deireadh an 18mh Linn. Tha e suidhichte aig 192m os cionn ìre na mara,[1] ri taobh na h-Aibhne Wabash, eadar West Lafayette agus Dayton, anns an stàit Indiana, air iomall Frankfort. Tha am baile 858km air falbh bho Washington, D.C. (Prìomh-bhaile na dùthcha), 2,849km bho Los Angeles, 1,335km bho Bhoston agus 347km bho St. Louis.[2] Tha 67,140 duine a’ fuireach anns a’ bhaile agus port-adhair beag ann cuideachd.[3] Chaidh Lafayette a chur air bhog ann an 1825 is chaidh e ghairm na bhaile aig ìre oifigeil ann an 1853. Chaidh oilthigh a stèidheachadh an seo ann an 1869.[4] Chaochail an Ceimigear Herbert C. Brown an seo ann an 2004.
Daoine ainmeil
deasaichBailtean Co-cheangailte
deasaich- Ota[5]