Lachlann MacGuaire
'S e oifigear airm agus rianaire tìr-imrich Breatannach a bha ann an Lachlann MacGuaire (Lachlan Macquarie, 31 am Faoilleach 1762–1 an t-Iuchar 1824). Bha e na Riaghladair New South Wales 1809 - 1821, agus bha e cudromach airson Astràilia atharrachadh bho thìr-imrich peanasach ann an dùthaich shaor.
Lachlann MacGuaire | |||
---|---|---|---|
1 dhen Fhaoilleach 1810 - 30 dhen t-Samhain 1821 ← William Bligh (mul) - Thomas Brisbane → | |||
Beatha | |||
Breith | Ulbha, 31 dhen Fhaoilleach 1762 | ||
Dùthaich | Alba | ||
Bàs | Lunnainn, 1 dhen Iuchar 1824 | ||
Àite-adhlacaidh | Muile | ||
Teaghlach | |||
Athair | Lachlan Macquarrie of Ormaig | ||
Màthair | Margaret Maclaine | ||
Cèile |
Jane Jarvis (en) Elizabeth Macquarie (en) (3 dhen t-Samhain 1807 - unknown value) | ||
Clann |
liosta
| ||
Foghlam | |||
Foghlam | An Àrd-sgoil Rìoghail | ||
Cànain | Beurla | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | taisgealaiche agus neach-poileataigs | ||
Duaisean a fhuaras | |||
Seirbheis san arm | |||
Meur an airm | Arm Bhreatainn | ||
Ìre | oifigeach coitcheann | ||
Strì | Rèabhlaid Ameireaganach |
Rugadh e ann an Ulbha ri taobh Muile agus chaidh fhoghlam ann an Dùn Èideann. An dèidh dha seirbheis a dhèanamh ann an Aimearaga a Tuath, na h-Innseachan agus an Èipheit, chaidh e na Riaghladair New South Wales, agus ann an 1813 chaidh a dhèanamh màidsear-seanailear.
Nuair a bha e na riaghladair, bha e a' togail gearastan mar bu chòir an àite bothain airson nan ciomaich, rathaidean, cidheachan, ospadalan agus togalaichean eile. Bha e a' brosnachadh leasachadh àiteachas tuathanachais cuideachd. 'S dòcha nas cudromaiche, ge-tà, bha e a' leigeil leis na ciomaich na bha as dèidh nam breithean aca oifisean poblach fhaighinn, agus bha e a' dèilig riutha mar daoine co-ionnan.
Bha Lachlann MacGuaire fìor chudromach don leasachadh na dùthcha, agus thathar a' canar ris "Athair Astràilia"[1]. Chaochail e ann an Lunnainn agus bha e air a thìodhlacadh ann am Muile. Tha Urras Nàiseanta Astràilia a' gleidheadh an uaigh aige.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Tom Steel, Scotland's Story, HarperCollins, 1994