Lachlan MacIlleathain
B' e sgrìobhadair Gàidhlig a bh' ann an Lachlan MacIlleathain (1798-1848, Beurla: Lachlan MacLean).[1]
Lachlan MacIlleathain | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Colla, 1798 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | 1848 |
Dreuchd | |
Dreuchd | neach-bùtha, bàrd, sgrìobhadair, sgrìobhadair laoidhean agus deasaiche |
Obraichean comharraichte | An Historical and Genealogical Account of the Clan Maclean (en) |
Rugadh Lachlan MacIlleathain ann an Arnabost, Colla. Chaidh e a Ghlaschu far an d'fhuair e bùth agus dh'obair e mar fhear na bùtha.[1]
Chleachd e iomadh far-ainm nuair sgrìobh e. Nam measg, sgrìobh e fon ainm 'Lachlann na Gàidhlig' agus 'Lachann nam Mogan'.[1] Sgrìobh e pìosan anns An Teachdaire Gaelach agus Cuairtear nan Gleann fo ainmean eile, nam measg 'Am Bùirdeiseach Bàn', 'An Gaidheal anns a' bhaile', 'Eóghan Og' agus 'MacTalla'.
Dheasaich e an iris An Teachdaire Ùr Gaidhealach agus bha càirdeas aige ri Tormod MacLeòid, "Càraid nan Gàidheal", Iain MacCoinnich is Eòghann MacColla.[2]
Foillseachaidhean
deasaich- 1835-36: An Teachdaire Ùr Gaidhealach
- 1837: Adhamh agus Eubh, anns an do dh'argamaidich e gun robh Gàidhlig na cainnt Ghàrradh Eden.[2]
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 1.2 Thomson, Derick (1994): The Companion to Gaelic Scotland. Glasgow: Gairm, td. 181.
- ↑ 2.0 2.1 “Tobar an Dualchais - Prògram Choinnich”. Tobar an Dualchais. Air a thogail 11mh dhen Mhàrt 2018.