An Teachdaire Gaelach
B' e iris miosail a bha anns An Teachdaire Gaelach a chaidh air foillseachadh bho 1829 gu 1831 (1834?).
Chaidh a deasachadh leis an Urramach Tormod MacLeòid "Caraid nan Gaidheal", agus clo-bhuailte le Uilleam MacPhuin an Glaschu. Is e An Teachdaire Gaelach an iris raitheil a bu sine a chaidh fhoillseachadh sa Ghàidhlig air a bheil leth-bhreacan maireannach chun latha an diugh.
B' e iris coitcheann a bha ann a dh'fhoillsich altan air iomadh cuspair bho bheul-aithris gu teicneòlas ùr an latha. Tha na h-altan air teicneòlas tòrr nas laige na altaibh an irisean Albannach comh-aimsireil air an deach foillseachadh 's a' Bheurla agus tha blas de soisgeuladh air iomadh de na h-altaibh seo, a sgrìobh MacLeòid e fhèin. Is dòcha nach eil seo ach a' comharraich an cuideam trom a thug MacLeòid air fhèin a fhritheil a chomh-ghaidheal le iris-raitheil, mu choinneamh nam ficheadan a bha fhoillsichte aig an àm anns a' Bheurla.
Tha Leabhar I, Aireamh 1-12 (a' Chèitean 1829 - Giblean 1830), ri leughadh air an eadar-lin aig www.archive.org.
Faic cuideachd
deasaich- An Teachdaire Gaidhealach, iris ann an Astràilia a chaidh ainmeachadh an dèidh an Teachdaire Gaelach.