'S e caisteal ann am Barraigh, Alba a tha Caisteal Chiosmuil no Caisteal Chiosamuil.[1]

Caisteal Chiosmuil
Am broinn a’ chaisteil

B' e dachaigh ceann-cinnidh Chlann MhicNèill a bha ann, ach a-nis tha e air mhàl do dh'Àrainneachd Eachdraidheil Alba fad mìle bliadhna. Lorgar e ann am meadhan a' bhàigh mu 100m air falbh bho laimrig ann am Bàgh a' Chaisteil ann am Barraigh.

Eachdraidh

deasaich

Chaidh a thogail anns na Meadhan-Aoisean agus tha a chiad iomradh sgrìobhte a' nochdadh anns an 16mh linn.[2] 'S e an aon chaisteal cudromach bho na meadhan linntean a mhair sna h-Eileanan Siar.[3] Tha an t-ainm Caisteal Chiosamuil a’ ciallachadh ‘caisteal creag an eilein bhig’.[3]


A' faighinn ann

deasaich

Gheibhear luchd-tadhail ann le turas goirid ann an eathar bho Bàgh a' Chaisteil.

Iomradh

deasaich
  1. 'Ciosamuil' an litreachadh aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Leughte 28 Ògmhios 2016.
  2. McDonald, R. Andrew (1997): The Kingdom of the Isles: Scotland's Western Seaboard c.1100-c.1336.. East Linton, East Lothian, Alba: Tuckwell Press, td. duilleagan 236-237. ISBN 1-898-41085-2. 
  3. 3.0 3.1 Fios bho Àrainneachd Eachdraidheil Alba air Caisteal Chiosmuil. Leughte 28 Ògmhios 2016.

Ceanglaichean a-mach

deasaich