James Cook
B' e maraiche, fear-tomhais agus rannsachair a bha ann an James Cook (1728-1779).
James Cook | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Marton (en) , 27 dhen Dàmhair 1728 |
Dùthaich | Rìoghachd na Breatainne Mòire |
Ciad chànan | Beurla |
Bàs | Kealakekua Bay (en) , 14 dhen Ghearran 1779 |
Nàdar a’ bhàis | murt duine (stab wound (en) ) |
Teaghlach | |
Màthair | Grace Pace |
Cèile | Elizabeth Cook (en) (21 dhen Dùbhlachd 1762 - |
Clann |
liosta
|
Foghlam | |
Cànain |
Beurla Fraingis |
Dreuchd | |
Dreuchd | taisgealaiche, cairt-iùiliche, oifigear a' chabhlaich, maraiche agus lus-eòlaiche |
Com-pàirtiche
| |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Ballrachd | An Comann Rìoghail |
Seirbheis san arm | |
Meur an airm | An Cabhlach Rìoghail |
Ìre | captain (en) |
Mar oifigear an Cabhlach Rìoghail na Breatainne, rinn e trì bòidsean tomhais/rannsachaidh dhan Chuan Sèimh, 1768-1771, 1772-1775 agus 1776-1779.
Rugadh e 28mh an Dàmhair 1728, mac sgalaig, aig Marston faisg air Cleveland an Siorramachd York. Cha d'fhuair e ach bun-sgoileadh. Nuair a bha e trì bliadhna deug a dh'aois chaidh a fhasdadh fo bhonn ri ceannaiche anns a' bhaile iasgaidh de Staithes air oir Siorramachd York. Cha do dh'fhan e fada anns an dreuchd sin, ach chaidh a fhasdadh fo bonn ri neach-sheilbh luing à Whitby. Thàinig e a-mach na mharaiche agus bha e grunnan bliadhna an malairt a' ghuail agus malairt na Bailtic.
Ann an 1755, chaidh e do Cabhlach Rìoghail na Breatuinn, a' seòladh a roimhe na cruinn ach taobh a-steach ceithir bliadhna dh'èirich e gu inbhe maighstear-seòlaidh. Bha e, as deidh sin, mu deich bliadhna a' seòladh mun oirthir An Talamh Ùr agus beul Abhainn Naoimh Labhrainn, air longan-tomhais a bha ri tomhais an oirthir agus cruthaich cairtean agus leabhraichean phiolaid. Fad 's a bha e air an obair seo, ionnsaich e matamataig dha fhèin agus rinn e fhèin-ullachadh airson obair as àirde.
Rinneadh leifteanant dheth an 1768, agus thoireadh dha uallach a ghiùlan expedition Saidheansail gu Haiti a thomhais trasnadh Bhèineas a bha ri tachairt air 3 Ògmhios 1769. Air an slighe dhachaidh sheòl e suas an taobh sear de Astràilia, ga chairteachadh aig a h-aon am, mun do rinn e air an iar, a' seòladh eadar Gini Nuadh agus e Astràilia, sgrìob a chuir as an creideamh gu robh mòr-thìr deasachd a shìneadh gu tuath ri 40°Deas. Nuair a thill an luing gu Breatuinn rinneadh chomandair dheth.
Chuireadh e ri dreuchd air tìr airson beagan mìosan ach an ath bhliadhna, chuireadh e os cionn iomairt rannsachaidh eile. Bha amas a' bhòidse seo a thomhais meud de Antartica. Thug Cook an long-thomhais cho fada dhan deas gun b' urrainn dha, a sheòl mun agus a phlot crìochan den deigh a chuairteachas Antartica. Nuair a thill e bhon tomhais seo an 1775 rinneadh làn-chaiptean dheth.
Air a bhòidse mu dheireadh fhuair e bàs aig Hawaii, an sabaid le tùsanaich, (17 Faoilteach 1779).