Jón Magnússon
B' e neach-poileataigs à Innis Tìle a bh' ann an Jón Magnússon.[1] Rugadh e air 16 am Faoilleach 1859 faisg air Grenjaðarstaður (Norðurland eystra), mac sagairt on dùthaich.[2] Fhuair e a chuid foghlaim aig Menntaskólinn í Reykjavík agus Oilthigh Copenhagen. Bu dlùth an dàimh a bh' ann eadar Magnússon agus a mheantor Hafstein. Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1902 agus bha e na labhraiche eadar 1912 gu agus 1913. Bha e na fhorsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) dà thuras: eadar 1917 agus 1920 airson Heimastjórnarflokkurinn (Gàidhlig: Pàrtaidh Fhèin-riaghlaidh) agus an uair sin bho 1924 gu ruige 1926 às leth Íhaldsflokkurinn. B' e Magnússon a' chiad fhorsætisráðherra Innse Tìle mar dhùthaich neo-eisimeileach. Bha e na labhraiche an Alþingi roimhe, bho 1913 gu ruige 1914. Bha e pòsta aig Þóra Jónsdóttir agus thogail iad taigh gu math eireachdail aig Hverfisgata 21 ann am meadhan Reykjavík, a tha na thaigh-òsta an latha an-diugh. Chaochail e ann an Neskaupstaður air 23 an t-Ògmhios 1926.
Jón Magnússon | |||||
---|---|---|---|---|---|
4 dhen Fhaoilleach 1917 - 7 dhen Mhàrt 1922 ← Einar Arnórsson - Sigurður Eggerz →
22 dhen Mhàrt 1924 - 23 dhen Ògmhios 1926 ← Sigurður Eggerz - Magnús Guðmundsson → | |||||
Beatha | |||||
Breith | Norðurland eystra, 16 dhen Fhaoilleach 1859 | ||||
Dùthaich | Innis Tìle | ||||
Bàs | Neskaupstaður, 23 dhen Ògmhios 1926 | ||||
Foghlam | |||||
Foghlam |
Oilthigh Copenhagen Oilthigh Innis Tìle | ||||
Dreuchd | |||||
Dreuchd | neach-poileataigs | ||||
Creideamh | |||||
Pàrtaidh poileataigeach |
Íhaldsflokkurinn Heimastjórnarflokkurinn |
Caibineit Mhagnússon
deasaichIomraidhean
deasaichCeanglaichean a-mach
deasaichRo-theachdair: Einar Arnórsson (1917) |
Forsætisráðherra |
Neach-ionlaid: Sigurður Eggerz (1920) |
Ro-theachdair: Sigurður Eggerz (1924) |
Forsætisráðherra |
Neach-ionlaid: Magnús Guðmundsson (1926) |